Naidheachdan 11:00m
An Àithne
Chaidh duine a tha fo amharas gun do mhuirt e boireannach à Dùn Èideann sa Ghrèig mu choinneimh na cùirte san Àithne an-diugh. Chaidh corp Lisa Ross, a bha 38 bliadhna de dh'aois, fhaighinn ann an seann togalach san Àithne air an 18mh den Iuchar. Tha casaidean an aghaidh Sharif Ahmadzai, a tha 26 's a bhuineas do dh'Afganastan, gun do rinn e marbhadh a dh'aona-ghnothaich, mèirle agus gun robh armachd gun chead aige. Cha do rinn Ahmadzai tagradh sam bith. Tha marbhadh a dh'aona-ghnothaich co-ionnan ri murt ann an lagh na h-Alba.
Bàs nighinn
Tha dùil ri fear, 35 bliadhna de dh'aois, sa chùirt ann an Dùn Dè an-diugh fo chasaid mu bhàs nighinn, naoi bliadhna de dh'aois, ann an Obar Bhrothaig. Chaidh an nighean à Yorkshire fhaighinn air a droch leòn air raon-gnìomhachais ann an Obar Bhrothaig a' bhòn-dè agus chaochail i goirid an dèidh sin ann an Ospadal Ninewells ann an Dùn Dè.
Jeffrey Epstein
'S i tuisge a' BhBC nach eil Andy Burnham a' beachdachadh air rannsachadh poblach mu dhol a-mach Jeffrey Epstein san Rìoghachd Aonaichte. Tha sin a dh'aindeoin agus gun tuirt am ministear airson na dh'fhuiling eucoir, Alex Davies Jones, gun robh am Prìomhaire a' meòrachadh air an leithid.
Cogadh na h-Ucràin
Thuirt Ceann-Suidhe na h-Ucràin, Vlodomyr Zelensky, gun deach 17 duine, air a' char as lugha, a mharbhadh ann an ionnsaighean mòra Ruiseanach timcheall air a' phrìomh-bhaile Kyiv a-raoir. Agus thuirt e gun deach còrr 's 40 duine a leòn. Dh'fhaillich air an t-siostam dìon stad a chur air gin de na h-urchairean.
Ceadan-tacsaidh
Leig fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich dheth a dhreuchd air comataidh na ceadachd aig Comhairle na Gàidhealtachd. Tha Ruairidh Stiùbhart air fear de na bhòt airson cead-tacsaidh fhàgail ann an ainm duine a rinn èigneachadh. Dh'aontaich a' Chomhairle an-dè gum bi bhòt cion-earbsa ann air an ath-mhìos ann an còignear bhall a bha air comataidh ceadachd na Comhairle aig àm na bhòt anns an Ògmhios.