"Inbhe phrìomhachais" a dhìth air bun-structar air Ghàidhealtachd

Tha dùil gum fosgail Acadamaidh ùr Bhaile Theàrlaich ann an 2030
- Air fhoillseachadh
Bu chòir dhan Ghàidhealtachd inbhe phrìomhachais fhaighinn airson nithean mar foghlam, taigheadas is rathaidean, a rèir cheannard nan dùbhlanach aig comhairle na sgìre.
Bha am ball Lib Deamach Alasdair Christie a' bruidhinn is sgrùdadh air sealltainn gur e a' Ghàidhealtachd an dàrna àite as miosa an Alba nuair a thig e gu staid sgoiltean.
A rèir na h-aithisg, taobh a-muigh, chaidh faisg air aon às gach trì sgoiltean a mheas "truagh" no "dona" anns a' Ghiblean am-bliadhna.
B' e Acadamaidh Bhaile Theàrlaich agus Acadamaidh Inbhir Narann na sgoiltean anns an staid a bu mhiosa.
Chaidh sgoil ùr luach £61m a thogail an Inbhir Narann ge-tà, le sgoilearan gu bhith a' gluasad a-steach air a' mhìos seo fhèin.
Bu chòir Acadamaidh ùr Bhaile Theàrlaich fosgladh ann an 2030.

Tha crìonadh sluaigh na thrioblaid ann an sgìrean den Ghàidhealtachd
Fo Achd nan Eilean (2018) tha inbhe shònraichte aig sgoiltean agus bun-structar eile a tha ga mheas riatanach anns na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn, le feum air measadh a dhèanamh air reachdas feuch nach toir e droch bhuaidh gun dùil air eileanan.
Tha foghlam air a dhìon fon lagh sin anns na h-eileanan agus dh'iarradh Alasdair Christie an aon siostam dhan Ghàidhealtachd.
Thuirt e gu bheil an sgìre eadar-dhealaichte bho mhòran eile leis gu bheil tòrr sgoiltean air Ghàidhealtachd, agus gu bheil gu leòr aca aosta.
"Tha còrr air 200 sgoil air Ghàidhealtachd, an coimeas ri sgìrean eile far am faodadh 's dòcha an treas cuid den àireamh sin a bhith aca," thuirt Mgr Christie.
"Tha a' Ghàidhealtachd ann an suidheachadh sònraichte, agus feumaidh e fuasgladh sònraichte dhan trioblaid seo.
"Feumar ìmpidh a chur air an riaghaltas ach an aithnich iad cho sònraichte 's a tha na dùbhlain a tha mu choinneimh Comhairle na Gàidhealtachd."
Cùmhnantan air an toirt seachad 'son sgoiltean ùra air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh26 An Gearran
Cead do leasachadh làraich sgoile an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh1 An Cèitean 2024
Prògram leasachaidh £2bn san amharc aig Comhairle na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh30 An Giblean 2024
Chan e sgoiltean a-mhàin a tha nan dùbhlan sònraichte dhan ùghdarras ionadail, a rèir Mhgr Christie, agus fuasglaidhean sònraichte a dhìth a thaobh taigheadais agus càradh nan rathaidean cuideachd.
"Feumaidh a' Ghàidhealtachd an aon inbhe 's a th' aig na h-Eileanan ann an grunn suidheachaidhean, le maoineachadh eadar-dhealaichte," thuirt e.
"Chan e dìreach sgoiltean, ach cuideachd airson nan rathaidean - tha lìonra nas motha de rathaidean againne na th' aig sgìre eile, fada a bharrachd sgoiltean na th' aig sgìre eile, agus tha trioblaidean againn le crìonadh an t-sluaigh ann an Gallaibh is Cataibh.
"Tha tòrr den taigheadas againn ga ghlacadh airson màil ghoirid, no àitichean-fuirich do luchd-turais, agus tha feum againn air taic le sin.
"Rathaidean, sgoiltean agus taigheadas - sin bun-structar coimhearsnachd sam bith agus feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd aonta sònraichte orra sin uile on riaghaltas."
Stèidhich Comhairle na Gàidhealtachd maoin ùr £2bn thairis air 20 bliadhna ann an 2024 gu sònraichte 'son sgoiltean, rathaidean is bun-structar ionadail a leasachadh.
Tha maoineachadh 'son Plana In-ionmhas na Gàidhealtachd a' tighinn le airgead a ghabhail air iasad is 2% de na tha a' tighinn a-steach tro chìs na comhairle a chur gu feum.
Chaidh beachd iarraidh air Riaghaltas na h-Alba air molaidhean Alasdair Christie.