Bhiodh call dà thaigh-òsta sa Ghearasdan na "bhuille mhòr" don àite

Taigh-òsta Beinn Nibheis anns a' GhearasdanTùs an deilbh, EDWARD MCMAIHIN/GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dà thaigh-òsta sa Ghearasdan - am Beinn Nibheis agus an Alexandra - am measg na tha gan reic

  • Air fhoillseachadh

Bheireadh e "buaidh mhòr" air an sgìre nan cailleadh an Gearasdan dà thaigh-òsta a rèir Seòmar-malairt Taobh Siar na Gàidhealtachd.

Tha Taigh-òsta Beinn Nibheis agus Taigh-òsta an Alexandra air a' mhargaidh cho math ri trì taighean-òsta eile air a' Ghàidhealtachd, agus a' chompanaidh Strathmore Hotels ga dùnadh.

Tha Frazer Coupland, àrd-oifigear an t-seòmair, ag ràdh nach eil leapannan gu leòr ann sa Ghearasdan mar a tha cùisean.

"Ma chailleas sinn na tha sin de leapannan tha sin a' dol a thoirt buaidh air eaconamaidh na h-oidhche, air an àrd-shràid agus air na làraichean-turasachd agus air Taobh Siar na Gàidhealtachd san fharsaingeachd," thuirt e.

Taigh-òsta Beinn Uais ann an Srath PheofhairTùs an deilbh, TERRYJOHNSON/GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Taigh-òsta Beinn Uais ann an Srath Pheofhair cuideachd air a' mhargaidh

Chaidh Strathmore Hotels ann an rianachd san Lùnastal, agus chaidh innse aig an àm gun deadh na taighean-òsta a chumail fosgailte, leis an luchd-obrach gan glèidheadh, fhad 's a bhathas a' co-dhùnadh dè thachradh air a' cheann thall.

Thathas a' sireadh £6,500,000 airson Taigh-òsta Beinn Nibheis, le £5,750,000 ga shireadh airson Taigh-òsta an Alexandra sa Ghearasdan.

Tha cuideachd an Royal san Òban, air a bheileas ag iarraidh £4,850,000, Taigh-òsta Beinn Uais ann an Srath Pheofhair air a bheileas a' sireadh £3,650,000 agus Taigh-òsta Drochaid Neithich, le prìs £1,750,000, uile gan reic.

Tha sin a thuilleadh air an Salutation ann am Peairt, an taigh-òsta as fhaide stèidhichte ann an Alba, air a bheileas ag iarraidh £3,750,000.