Roile Bèigeil
500g flùr arain ghil
7g beirm
300ml uisge blàth
20g siùcar
9g salann

Lionnach Slaopaidh
3 liotairean uisge goileach
20g mil
15g sòda-bèicearachd
15g salann
Còmhdach
Sgùradh uigh (1 ugh & 1 spàin-bhùird uisge)
Sìl no còmhdach eile a tha tighinn gu do chàil
Cuir am beirm ann am bobhla mòr cuide ri uisge blàth, agus measgaich còmhla.
Cuir ris siùcar agus salann, agus measgaich. Cuir ris am flùr, a' fàgail beagan airson an taoisneachaidh. Measgaich na grìtheidean gu math le spàin-fhiodha.
Cuir flùr air do làmhan agus taoisnich an taois air bòrd-obrach airson 10–15 mionaidean, gum bi e air obrachadh gu math agus gun till an taois gu chruth an dèidh brùthadh air.
Cuir an taois ann am bobhla mòr, cuir còmhdach air agus fàg e uair a thìde gus èirigh.
Nuair a tha e air èirigh, fàg an taois anns a' bhobhla agus pronn e gus an adhar a leigeil às.
Geàrr e ann an ochd pìosan mun aon mheud, agus roilig ann am bàlaichean. Dèan cruth nam bèigeilean le bhith toirt do sgealbag agus d’ òrdag còmhla, a' fàgail toll am meadhan an taois.
Cuir iad air treidhe a th' air a chòmhdach le pàipear-bèicearachd agus cuir tubhailt thairis air, fàg e airson 45 mionaid a bharrachd.
Goil pana mòr uisge agus cuir ris an sòda-bèicearachd, salann, agus mil. Sgiot gus dèanamh cinnteach gu bheil a' mhil air leaghadh.
Gu faiceallach, cuir na bèigeilean a-steach dhan uisge airson 45 diog air gach taobh.
Cuir air ais air an trèidhe chòmhdaichte.
Cuir sgùradh uigh air gach bèigeil agus an uairsin cuir còmhdach air a tha tighinn gu do chàil. Tha sinne air sìol lus a' chadail, sìol seasaman agus salann-mara a chleachdadh.
Bruich ann an àmhainn ro-theasaichte aig 220C airson 20–25 mionaid.
Bagels
500g white bread flour
7g yeast
300ml warm water
20g sugar
9g salt
Poaching liquid
3 litres boiling water
20g honey
15g baking soda
15g salt
Toppings
Egg wash (1 egg & 1 tablespoon water)
Seeds or toppings of your choice.
Place the yeast in a large bowl along with the warm water, mix well.
Add the sugar and salt and stir. Add the flour, leaving a little aside for kneading. Mix the ingredients well with a wooden spoon.
Flour your hands and knead the dough on a floured surface for 10–15 minutes, until it is smooth and springs back slightly when pressed.
Place the dough in a large bowl and cover to prove for 1 hour.
When it has proved, leave the dough in the bowl and punch it to release the air.
Cut into 8 equal sizes and roll into balls and shape into bagels by pressing your index finger and thumb together, to leave a hole in the middle.
Lay them on a lined tray and cover again with a towel and leave aside for a further 45 minutes.
Bring a large pan of water to the boil and add the baking soda, salt and honey. Stir to make sure the honey has melted.
Carefully drop the bagels into the water for about 45 seconds on each side.
Place back onto the lined tray.
Brush the egg wash onto each bagel and then top with toppings of your choice. We have used poppy seeds, sesame seeds and sea salt.
Bake in a pre-heated oven at 220 degrees for 20–25 minutes.











