Ionmhas 'son taighean ùra ann an Steòrnabhagh

- Air fhoillseachadh
Tha dà bhliadhna aig Comhairle nan Eilean Siar airson còrr is £40m a chosg air taighean ùra a thogail, no feumaidh iad an t-airgead a thoirt air ais do Riaghaltas na h-Alba.
Tha a' chomhairle an dùil suas ri dà cheud taigh a thogail mu thimcheall Steòrnabhaigh.
Ach tha cuid de chomhairlichean draghail nach eil gu leòr thaighean gan togail anns na sgìrean dùthchail.
Cothroman
Thuirt aon bhall gun dèanadh seo sgrios air bailtean air an tuath air sgàth' s gun tàladh e daoine gu Steòrnabhagh.
Tha cathraiche Comataidh Leasachaidh Mhaireannach, Dòmhnall Crichton ag radh gur e seo an dòigh as fheàrr maoineachadh bhon righaltas a chosg.
"Chan e seo deasbad eadar an tuath agus Steòrnabhagh idir. Tha e mu dheidhinn barrachd airgid fhaighinn 's a chaitheamh, an àite a bhith a' toirt an t-airgead sin air ais dhan an riaghaltas.
"Ma thig cothroman gu sònraichte air an tuath, tha sinn airson taighean a thogail anns na h-àitichean sin cuideachd gun teagamh", thuirt e.
Ach tha a' chomhairle a' cur airgead bhon a' phròiseact, 'Taighean Falamh' gu feum ann an sgìrean dùthchail.
Thuirt Mgr Crichton gu bheil e a' dèanamh toileachas do dhaoine a bhith faicinn dachaidhean a tha air a bhith falamh airson bliadhnaichean a nise air an sgeadachadh, le daoine a' fuireach annta.
"Tha e a' toirt ùrachadh dha bailtean a bhith a' faicinn sin agus sin aon de na h-eisimpleirean a tha sinn airson leantainn air adhart leis... agus tòrr de na h-àitichean sin, bi iad air an tuath" a-rèir Mhgr Crichton.