Naidheachdan 10:00m
An Ucràin
Tha e a-nis air aithris gun deach 17 duine a mharbhadh ann an ionnsaighean Ruiseannach air Kyiv tron oidhche. Chaidh còrr is 30 eile an leòn nuair a chaidh urchairean agus drònaichean a losgadh air prìomh bhaile na h-Ucràin. Chaidh togalach fhlataichean a leagail gu talamh anns an ionnsaigh, le taigh-òsta agus stèisean-eiridinn cuideachd gam bualadh.
Uchd-mhacachd
Tha am Prìomhaire Sir Keir Starmer a' dol a thabhainn leisgeul an riaghaltais airson a' phàirt a bh' aca ann an uchd-mhacachd èignichte. Bho dheireadh an Dàrna Cogaidh suas gu na 70an chaidh toirt air na mìltean mhàthraichean nach robh pòsta na leanabain aca a thoirt seachad. Tha Riaghaltasan na h-Alba agus na Cuimrigh mu thràth air na leisgeulan acasan a thabhainn.
Casg-gin
Thèid buidheann de bhoireannaich Albannach gu lagh, 's iad ag ràdh gun do dh'fhàg casg-gin iad le atan-eanchainn. Tha 150 boireannach ag ullachadh cùis-lagha an aghaidh na companaidh Pfizer. Tha iad a' cumail a-mach gun tàinig atan meningioma orra às dèidh dhaibh an druga Depo-Provera a chleachdadh airson ùine fhada. Tha Pfizer ag ràdh gu bheil iad an-còmhnaidh a' toirt prìomhachais do shàbhailteachd.
Poileas
Thèid binn a chur an-diugh air oifigear poilis a dh'èignich dithis bhoireannach ann an Leòdhas agus a rinn droch-dhìol air tè eile air tìr-mòr. Dh'èignich Camshron Ros, a tha 39, na boireannaich ann an Steòrnabhagh ann an 2012 agus 2014. Rinn e an uairsin droch-dhìol air boireannach eile ann an Inbhir Nis eadar 2019 agus 2022.
Oidhirp air murt
Chaidh casaid oidhirp-muirt a chur air fear aois 18 bliadhna às dèidh mar a chaidh boireannach a leagail le càr ann an Siorrachd Rinn Friù. Chaidh am boireannach, a tha 49, a ghoirteachadh feasgar Dhimàirt nuair a chaidh bualadh innte faisg air stad-bhus ann an Linwood. Chaidh a toirt gu Ospadal na Banrigh Ealasaid airson cobhair mus deach a leigeil dhachaigh. Tha dùil gun nochd an deugaire ann an Cùirt an t-Siorraidh ann am Pàislig an-diugh fhathast.
Manaich
Thuirt poilis ann an Thailand gun do bhàsaich ochdnar mhanach Budastach agus gun deach 13 eile a leòn nuair a chaidh an leagail le gille òg a bh' air falbh le carbad a phàrantan. Bha na manaich air turas-taisteil ann an ear-thuath na dùthcha nuair a chaidh an carabad pick-up a-steach annta 's iad a' coiseachd ri taobh an rathaid. Dh'innis oifigearan gur e balach aois 11 bhliadhna a bh' aig a' chuibhil agus tha iad air iarraidh air a phàrantan a thighinn a bhruidhinn riutha ach an tèid aca air an sgrùdadh aca a ghluasad air adhart.