Craoladh Gàidhlig fon phrosbaig aig Westminster

Sanas airson An t-EileanTùs an deilbh, BLACK CAMEL PICTURES/BBC ALBA/JOHN MAHER
  • Air fhoillseachadh

Thuirt an t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin nach cuidich na meadhanan Gàidhlig le bhith ag àrdachadh na h-àireimh dhaoine aig a bheil Gàidhlig bho thùs, san t-suidheachadh anns a bheil sinn an-dràsta.

Ach thuirt e gun urrainn dha na meadhanan cuideachadh leis an seo gu ìre, ma tha an t-susbaint a thathas a' cruthachadh a' togail air na dùbhlain a tha mu choinneimh leasachadh na Gàidhlig.

Bha an t-Oll Ó Giollagáin, a sgrìobh an leabhar "The Gaelic Crisis in the Vernacular Community," còmhla ri luchd-rannsachaidh eile bho Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Soillse - a' toirt seachad fianais aig Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster.

Tha iad an-dràsta a' rannsachadh craoladh sa Ghàidhlig 's iad a' coimhead air maoineachadh agus seasamh reachdail.

Thuirt an t-Oll Ó Giollagáin riutha gu bheil na meadhanan mar lionsa as urrainnear a chleachdadh airson coimhead air ar cultar fhèin agus cultar dhaoine eile.

"Tha e a' toirt cothrom dhuinn sùil a thoirt air luachan agus dùbhlain a' chultair sin agus tha ìmpidh mhòr air cultar na Gàidhlig," thuirt e.

Dh'innis e dhan chomataidh gu bheil esan den bheachd nach eil maoineachadh gu leòr aig na meadhanan airson a bhith a' coimhead air na duilgheadasan a th' ann an coimhearsnachd na Gàidhlig ann an doimhneachd.

"Tha dùbhlain deasachaidh aig BBC ALBA, a thuilleadh air dùbhlain bun-reachdail."

"Sin a thaobh mar a tha iad a' beachdachadh air no a' rannsachadh nan trioblaidean leis a bheil luchd-labhairt na Gàidhlig a' dèiligeadh ann an diofar phàirtean de dh'Alba."

"Tha coimhearsnachd na Gàidhlig ann an staing agus dh'fhaodadh sinn faighneachd an deach na duilgheadasan sin a rannsachadh ann an doimhneachd cheart leis na meadhanan Gàidhlig."

"Ach ri linn dìth maoineachaidh, chan eil fòcas gu leòr air prògraman aithriseach nam bheachdsa. Agus tha buidseat gu math gu math beag ann airson obair-naidheachd sgrùdail."

"Nuair nach eil rudan ag obrachadh mar bu chòir, nuair a tha rudan a' dol ceàrr, nuair a tha rudan a' tachairt ris nach bu chòir gabhail - chan eil na meadhanan Gàidhlig a' dèanamh sgrùdaidh cheart air seo."

Fireannach maol na sheasamh air beulaibh taigh-òsta.
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an t-Oll Conchúr Ó Giollagáin am measg na sgrìobh an leabhar "The Gaelic Crisis in the Vernacular Community".

Bha an Dr Ingeborg Birnie bho Oilthigh Shrath Chluaidh cuideachd a' toirt fianais seachad. Thog ise air cho cudromach sa tha na meadhanan do luchd-ionnsachaidh agus do chloinn aig nach eil Gàidhlig an an taigh.

Thuirt i: "Tha na meadhanan a' sealltainn dhaibh gu bheil luchd-labhairt eile ann agus gu bheil a' Ghàidhlig beò ann an Alba."

"Chan urrainn dhut Gàidhlig ionnsachadh le bhith a' coimhead an telebhisean agus ag èisteachd ris an rèidio a-mhàin."

"Ach 's e goireas cudromach a th' ann airson sgilean cànain a leasachadh."

"Chan e am fuasgladh ach tha e mar phàirt de na goireasan a th' againn airson taic a chumail ri daoine."

Bòrd na Gàidhlig

Chualas cuideachd bho Bhòrd na Gàidhlig, a thuirt gu bheil tuilleadh maoineachaidh a cheart cho cudromach ri seasamh reachdail.

Thuirt Àrd-oifigear a' Bhùird, Ealasaid NicDhòmhnaill: "Tha na meadhanan Gàidhlig a' toirt seallaidh dhuinn air ar beatha a tha mìorbhailleach."

"Ach chan eil maoineachadh aca a leigeas leotha sin a dhèanamh uabhasach tric."

"Tha iad airidh air cothrom putadh air adhart."

Thàinig rabhadh bhuaipe cuideachd. Mur a tig tuilleadh maoineachaidh agus maoineachadh ceart, thuirt i gu bheil cunnart ann nach tèid aig MG ALBA air na h-ìrean bunaideach a thathas a' coileanadh an-dràsta a thoirt gu buil.