Maoin choimhearsnachd £1m an cois Hub Àranais air a gealltainn

Thèid an dà stèisean a thogail air mòinteach Àranais air iomall Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh
Gheall SSEN maoin choimhearsnachd luach £1.06m agus gum bi obair is cothroman trèanaidh do chòrr is 100 eileanach mar phàirt den phròiseact aca dà stèisean-dealain mhòr a thogail agus a ruith air iomall Steòrnabhaigh.
'S e bhios ann an Hub Leòdhais am bun-structar a bhios a dhìth airson dealan bho thuathanasan-gaoithe san eilean a chur gu tìr-mòr tro chàball ùr fon mhuir.
Bheireadh an ceangal sin suas ri 1.8GW de dhealan ath-nuadhachail gu fo-stèisean Fàn Eilean faisg air a' Mhanachainn, ged a bhòt comhairlichean Gàidhealach an aghaidh an leasachaidh sin sa Ghearran.
Mar phàirt den phròiseas dealbhachaidh, feumaidh SSEN ro-innleachd ullachadh a' mìneachadh nam buannachdan eaconomach agus sòisealta a bhios an cois Hub Àranais.
Sa phàipear a chuir iad gu Comhairle nan Eilean Siar ach ris nach deach gabhail fhathast, tha a' chompanaidh ag ràdh gum bi obair ann do 92 eileanaich a-mach à 590 luchd-obrach thairis air a h-uile ìre den phròiseact.
Tha an ro-innleachd a' gealltainn suas ri 23 preantasachdan a chruthachadh.
A' chiad chùmhnant mòr airson Hub Leòdhais air a thoirt seachad
- Air fhoillseachadh14 Am Faoilleach
Cead am prionnsabal do Hub Leòdhais
- Air fhoillseachadh11 An t-Samhain 2025
Tha SSEN ag amas air suas ri £65m a chosg aig gnothachasan beaga agus meadhanach mòr ionadail.
Ge-tà, tha am pàipear a' toirt rabhadh mu mar a bhios iad air an cuingealachadh a thaobh na ghabhas a chosg sna h-eileanan.
Mar eisimpleir, nuair a thig e gu bhith a' togail àitichean-fuirich do luchd-togail a' phròiseict, tha dùil gum bi aca ri crochadh air stuth togail bho thìr-mòr agus nach fhaigh iad ach suas ri 20% dheth gu h-ionadail.
Mhìnich iad mar a tha iad a' cumail taic ri pròiseact 88 dachannan a thogail do luchd-obrach an leasachaidh ach a bhios ri fhaotainn aig prìs reusanta an dèidh dhan phròiseact a bhith deiseil.
Dhearbh am pàipear cuideachd taic SSEN ann a bhith ag ùrachadh Taigh-òsta a' Chaley ann an Steòrnabhagh airson àitichean-còmhnaidh do luchd-obrach.
Co-dhiù 20% de thuathan-gaoithe mòra ga iarraidh do shluagh nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Cumhachd nan Eilean Siar 'son 20% de dhà thuath-gaoithe a chur an làmhan eileanach
- Air fhoillseachadh15 An t-Iuchar 2025
Tha a' mhaoin choimhearsnachd stèidhichte aig £1.06m a' tighinn a rèir stiùiridh bho Roinn na Tèarainteachd Cumhachd agus Net Zero.
Tha maoin ionadail, nach do dh'fhosgail fhathast, agus maoin sgìreil a tha mar-thà air airgead a thoirt seachad, nam measg £393,000 gu Tighean Innse Gall airson pròiseact gus bochdainn connaidh a lùghdachadh.
A thaobh nam buannachdan nas fharsainge don choimhearsnachd, tha an ro-innleachd aig SSEN ag ràdh gum bi buannachdan à dà thuath-gaoithe a fhuair cead mar-thà rim faotainn aon uair 's gu bheil Hub Àranais deiseil.
Tha dùil gu bheil còmhraidhean a' dol eadar luchd-leasachaidh thuathan-gaoithe Steòrnabhaigh agus Ùisenis agus a' bhuidheann Cumhachd nan Eilean Siar gus suas ri 20% de na sgeamaichean sin a chur fo shealbh na coimhearsnachd.