Co-dhiù 20% de thuathan-gaoithe mòra ga iarraidh do mhuinntir nan Eilean Siar

Tha ìmpidh ga cur air companaidhean prìobhaideach buannachd nas motha a thoirt do dh'eileanaich às na sgeamaichean ath-nuadhachail aca
- Air fhoillseachadh
Tha co-bhanntachd de shia buidhnean cumhachd ionadail sna h-Eileanan an Iar ag iarraidh gum faigh na coimhearsnachdan aca buannachd nas motha às na tuathan-gaoithe mòra coimeirsealta aig muir is air tìr a tha san amharc san sgìre.
Tha litir Cumhachd Coimhearsnachd Innse Gall gu Magnora Offshore Wind, Northland Power, RWE Renewables agus BayWa r.e. ag iarraidh gum bi cothrom aca co-dhiù 20% de na leasachaidhean aca a cheannach.
Tha dragh ann nach fhaigh sgeamaichean coimhearsnachd ùra àite air a' chàball-dealain ùr gu tìr-mòr a bhios ann agus gur e "sealbh co-roinnte air pròiseactan coimeirsealta a tha gam moladh nas cudromaiche buileach do choimhearsnachdan an seo".
Tha dà chompanaidh eile air cùl leasachaidhean mòra, Lewis Wind Power agus Eurowind, air leigeil fhaicinn roimhe gu bheil iad taiceil ri leithid de dh'aonta le buidhnean coimhearsnachd.
Cumhachd nan Eilean Siar 'son 20% de dhà thuath-gaoithe a chur an làmhan eileanach
- Air fhoillseachadh15 An t-Iuchar 2025
Taic do bhuidhinn ùir fom faigh eileanaich 20% de dhà thuath-gaoithe
- Air fhoillseachadh1 An Dàmhair 2025
Tha an litir ag ràdh gu bheil Plana Cumhachd Ionadail a dh'fhoillsich Great British Energy bho chionn ghoirid ag ràdh gum bu chòir luchd-leasachaidh sealbh co-roinnte a thabhann air coimhearsnachdan.
Thuirt Laura NicNeacail bho Chumhachd Coimhearsnachd na h-Alba - a sgrìobh an litir às leth nam buidhnean ionadail:
"Chan eil sinn ag ràdh gu bheil na coimhearsnachdan ag aontachadh le na leasachaidhean ach ma tha iad a' dol a thachairt tha sinn gu mòr airson 's gum bi an t-airgead aig a' choimhearsnachd."
Dh'innis i gu bheil còmhraidhean a' dol le dhà de na companaidhean prìobhaideach a thug freagairt dhaibh.
"Cha do dh'aontaich iad, ach cha mhotha a dhiùlt iad," thuirt i.
Buidhnean fo bhratach Cumhachd Coimhearsnachd Innse Gall:
Companaidh Coimhearsnachd Stòras Uibhist
Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh Earranta
Leasachadh Coimhearsnachd Horsiadair Earranta
Urras Leasachaidh an Rubha agus Shanndabhaig
Leasachadh Coimhearsnachd Tholastaidh
Urras Oighreachd Ghabhsainn
Tha timcheall air £3m de phrothaidean bho na muilnean-gaoithe ionadail a' dol air ais do na coimhearsnachdan aca a h-uile bliadhna, tha tagradh nam buidhnean cumhachd ionadail a' mineachadh.
Tha feadhainn a' tighinn gu deireadh am beatha agus tha dragh ann nach fhaigh sgeamaichean a thèid nan àite neo pròiseactan coimhearsnachd buileach ùr àite air a' ghriod.
Tha an litir ag iarraidh gum bi barrachd rùm aig pròiseactan coimhearsnachd air a' chàball-dealain HV/DC ùr a bhios comasach air 1.8GW de chumachd ath-nuadhachail a ghiùlain eadar Leòdhas agus tìr-mòr.
Tha Laura NicNeacail ag ràdh "nach eil rùm idir ann airson nan coimhearsnachdan airson rudan ùra a dhèanamh".
"Tha na pròiseactan mòra coimeirsealta, air tìr agus aig muir, air na ceanglaichean càbaill uile a cheannach," thuirt i.
Tuath-gaoithe coimhearsnachd ga leasachadh an ceann a tuath Leòdhais
- Air fhoillseachadh28 An t-Samhain 2024
Cead do chàball nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh15 An Dùbhlachd 2022
Tha an litir cuideachd ag iarraidh gum bi cothrom aig pròiseactan coimhearsnachd, mura faigh leasachadh coimeirsealta cead-dealbhachaidh, air taic agus ùine gus airgead fhaighinn airson ceanglaichean griod fhaighinn.
Tha BBC Naidheachdan air dearbhadh iarraidh bhon chompanaidh RWE Renewables a bheil iad a' dol air adhart le planaichean airson dà thuath-gaoithe ann an Leòdhas.