Draghan mu thaighean ùra ann an Ceasag a Tuath

Drochaid Cheasaig
- Air fhoillseachadh
Tha a' chomhairle choimhearsnachd ann an Ceasag a Tuath, faisg air Inbhir Nis, ag ràdh gu bheil iomagain mhòr orra mu phlanaichean airson 200 dachaigh ùr a thogail anns a' bhaile.
Chaidh na planaichean, taobh a-muigh a chur air adhart le Tulloch Homes anns a' Chèitean.
Tha measgachadh de thaighean prìobhaideach 's taighean sòisealta nan lùib agus dhèidheadh an togail air Tuathanas Bellfield, air taobh an iar a' bhaile.
Planaichean airson 200 taigh ùr ann an Ceasag a Tuath
- Air fhoillseachadh26 An Cèitean
Comhairle na Gàidhealtachd: Tha 24,000 taighean ùra a dhith san ath dheich bliadhna
- Air fhoillseachadh27 An t-Ògmhios 2024
"Tha sinn ann an teis-meadhan èiginn taigheadais"
- Air fhoillseachadh12 An Cèitean
A rèir Tulloch Homes, bhiodh seo mar phàirt de dh'fhuasgladh air na dùbhlain mhòra taigheadais a th' air a' Ghàidhealtachd.
Sin agus Comhairle na Gàidhealtachd air innse bho chionn dà bhliadhna, gu bheil 24,000 taigh a dhìth thairis air an ath dheich bliadhna gus beàrn ann an taighean aig prìs reusanta a lìonadh.
Ach tha Comhairle Choimhearsnachd a' Chnuic Bhàin, anns a bheil Ceasag a Tuath, mì-chinnteach dha-rìribh.
Tha draghan ora mu mheud nam planaichean agus mu shàbhailteachd rathaid.

'S e John Stott cathraiche na comhairle coimhearsnachd agus chan eil e den bheachd gu bheil na rathaidean a-mach 's a-steach à Ceasag freagarrach airson mar a tha am baile a' fàs.
"'S ann tro Chraobhraid First Field a gheibh thu chun an leasachaidh seo," thuirt e. "Sin am prìomh rathad tron leasachadh thaighean a th' ann an-dràsta."
"Tha taighean air gach taobh dheth, nuair a thig thu far a' chearcaill-rathaid, a' tighinn bhon A9. Chan eil rathad sam bith eile ann aig an ìre seo."
"Saoilidh mi gun adhbharaich sin duilgheadas mòr leis gum bi fiach dà cheud taigh de chàraichean a' siubhal air rathad nach deach a dhealbh airson a leithid."
Cha deach co-dhùnadh a dhèanamh a thaobh nam planaichean fhathast.
San eadar-ama, thuirt Tulloch Homes gu bheil iad airson obrachadh còmhla ris a' choimhearsnachd mu thimcheall orra.