"Tha sinn ann an teis-meadhan èiginn taigheadais"

Tha còrr is 20% de na taighean ann an Dòrnach nan àitichean-fuirich air màl ghoirid
- Air fhoillseachadh
Thèid beachdan mhuinntir na Gàidhealtachd a shireadh mu bhith a' cur smachd air màl ghoirid ann am barrachd sgìrean mar aon dòigh dèiligeadh ris an "èiginn taigheadais" an ceann a tuath na h-Alba.
Ma thèid am plana air adhart, bhiodh aon sgìre smachdachaidh mhòr ann a' toirt a-steach sgìrean dùthchail, agus sgìre bheag eile ann am baile Inbhir Nis.
Bhiodh an sgìre dhùthchail a' toirt a-steach cha mhòr a' Ghàidhealtachd air fad ach Gallaibh, Taobh Sear Rois agus Siorrachd Inbhir Narann.
Tha na sgìrean-smachdachaidh (STLCA) a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh ag amas air dèiligeadh ri mar a tha am fàs an àitichean-fuirich do luchd-turais air droch bhuaidh a thoirt air na tha de thaighean seasmhach do dhaoine.
A rèir an dàta as ùire, tha còrr is an còigeamh cuid de dhachaighean am pàirtean de dh'Inbhir Nis, Port Rìgh, Dòrnach agus An Gearasdan nan àitichean-fuirich air màl ghoirid.
Tha Fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban, ag ràdh gu bheil iad "an teis-meadhan èiginn taigheadais agus feumaidh sinn dòighean ùra a lorg airson barrachd thaighean fhaighinn".
Dà sgìre smachdachaidh màil ghoirid san amharc air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh12 An Gearran
Smachd air màl goirid an trì sgìrean aig tuath fon phrosbaig
- Air fhoillseachadh3 An t-Samhain 2025
Thug comhairlichean air Ghàidhealtachd cead don cho-luadar phoblach aig toiseach na bliadhna seo. Tòisichidh e an-diugh agus mairidh e sia seachdainean.
Cho math ri grunn uàrdan am baile Inbhir Nis bhiodh STLCA anns an Àird agus Loch Nis, agus pàirtean de dh'Inbhir Nis a Deas, An Tom Aiteann agus Deimhidh nam measg.
Bhiodh an STLCA dùthchail a' toirt a-steach Loch Abar, Taobh Siar Rois, Srath Pheofhair, Loch Aillse, Cataibh, an t-Eilean Sgitheanach agus Ratharsair.
Fo na molaidhean dh'fheumadh daoine aig a bheil taighean sna sgìrean-smachdachaidh cead-dealbhachaidh airson an cur a-mach air màl ghoirid air leithid Airbnb is eile.
Moladh gun sgìre smachdachaidh mhàil ghoirid a bhith air Ghàidhealtachd air fad
- Air fhoillseachadh15 An t-Sultain 2025
Fàilte air buaidh sgeama smachdachaidh a' mhàil ghoirid
- Air fhoillseachadh28 An Giblean
Maill "'s dòcha" air iarrtasan ùra màil ghoirid am Bàideanach is Srath Spè
- Air fhoillseachadh21 An Giblean
Tha an Comh Lobban ag ràdh gu bheil iad ag aithneachadh cho cudromach 's a tha turasachd don eaconomaidh agus nach e "casg air ionadan màl ghoirid a th' anns na STLCAs".
Thuirt e: "Tha iad a' leigeil leinn cothromachadh a dhèanamh eadar fàs turasachd agus an taigheadas a tha a dhìth an sgìrean far a bheil tòrr ionadan air màl ghoirid a' toirt droch bhuaidh air na tha de dhachaighean."
Tha dàta a' sealltainn gu bheil seo gu sònraichte na thrioblaid san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse far an deach 13.6% de na taighean a reiceadh eadar 2019 agus 2024 nan àitichean-fuirich airson ùine ghoirid.
San STLCA dùthchail a thathar a' moladh tha 9.5% de na taighean a thogadh sna còig bliadhna a dh'fhalbh a-nis nan aonadan-fuirich air màl ghoirid.
Tha coltas ann gu bheil sgìre-smachdachaidh a stèidhicheadh am Bàideanach agus Srath Spè bho chionn dà bhliadhna air lùghdachadh a thoirt air na tha de thaighean gan cur air adhart airson màl ghoirid.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach e aonadan-fuirich air màl ghoirid leotha fhein as coireach ri dìth taigheadais, ach gur e sgìrean-smachdachaidh aon dòigh air a bheil iad a' coimhead airson dèiligheadh ris.
Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gum bi mu 24,000 dachaigh ùr a dhìth air a' Ghàidhealtachd ro 2034.