Naidheachdan 10:00m

Dìon

Foillsichidh am Prìomhaire planaichean an-diugh airson na bileanan notaichean a chosg ag ath-nuadhachadh feachdan aramaichte na Rìoghachd Aonaichte. Bha còir aig a' Phlana Tasgaidh a bhith air tighinn a-mach an-uiridh, ach chaidh dàil a chur air ri linn trod anns an riaghaltas mu ciamar a dheadh a mhaoineachadh. Leig seann Rùnaire an Dìon, Jeff Healey, dheth a dhreachd air a' mhìos a chaidh mar thoradh air an eas-aonta.

Comraich

Bidh aig fògarraich a gheibh comraich ann am Breatainn ri suas ri £10,000 de na cosgaisean còmhnaidh aca a phàigheadh air ais cho luath 's a thòisicheas iad a' cosnadh. Dh'innis Rùnaire na Dùthcha, Shabana Mahmood, gun obraich seo cleas sgeama iasad nan oileanach. Bidh aig daoine ris an t-suim a phàigheadh air fad mus fhaigh iad cead maireannach airson fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte.

Jean Hanlon

Thòisich a' chùis-lagh aig fear a tha fo chasaid gun do mhurt e ban-Albannach air eilean Chreat bho chionn 17 bliadhna. Chaidh corp Jean Hanlon - a bha 53 - a lorg sa mhuir far Heraklion ann an 2009. Bha dùil an toiseach gur e bàs tubaisteach a bh' ann, ach bha a teaghlach à Dùn Phrìs ag iomairt fad bhliadhnaichean airson a' chùis fhosgladh às ùr. Tha am fireannach Grèigeach a tha fo chasaid a' dol às àicheadh gun robh gnothach aige ri a bàs.

Spreadhadh

Tha poilis anns an Fhraing agus ann am Monaco a' sireadh neach a tha fo amhras co-cheangailte ri spreadhadh boma anns an deach triùir a ghoirteachadh. Cha do dh'ainmich na poilis cò iad a chaidh a leòn, ach tha e air aithris gun do thachair an spreadhadh aig dachaigh fhir gnothaich Ucràinianaich, Vadym Yermolev. Tha Mgr Yermolev, aig a bheil ceangalaichean gnothachais leis an Ruis, fo smachd-bhannan anns an Ucràin.

Gael Force

Dhearbh a' chompanaidh Gael Force gun dùin iad an fhactaraidh aca ann an Steòrnabhagh. Tha a' chompanaidh, a th' air a bhith a' dèanamh chliabh sa bhaile airson còrr is 40 bliadhna, ag ràdh nach eil an aon iarrtas ann air an son tuilleadh. Thuirt àrd-oifigear Gael Force, Stewart Graham, gur e co-dhùnadh doirbh a bh' air a bhith ann, ach gun cùm iad orra a' togail stuth do ghnìomhachas an iasgaich anns na h-ionadan eile aca.

Tunailean

Tha dùil gun aontaich Comhairle Shealtainn an-diugh ri planaichean airson tunailean a chladhach a cheangaileas Yell agus Unst ris a' phrìomh eilean. Dh'fhaodadh gum bi na tunailean deiseil an taobh a-staigh ochd bliadhna. Tha luchd-sgrùdaidh air co-dhùnadh gum biodh iad nas saoire san ùine fhada na bhith a' cosg airgid air a bhith a' togail agus a' leasachadh aiseagan agus calaichean.