Draibhear tacsaidh gus ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh dìteadh 'son èigneachaidh

Daibhidh BrownTùs an deilbh, Alan Simpson
  • Air fhoillseachadh

Tha draibhear tacsaidh a dh'èignich deugaire air a' Ghàidhealtachd an dùil ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh an dìtidh agus binn a chaidh a chur air.

Chaidh binn prìosain sia bliadhna agus naoi mìosan a chur air Daibhidh Brown, 50, sa Chèitean an dèidh dha ionnsaigh a thoirt air nighinn, 18, san Dùbhlachd 2023.

Bha an nighean air a bhith a-muigh oidhche ann an Inbhir Nis agus thug Brown, à Crothaidh, còmhdhail dhi agus i airson a dhol air ais dhachaigh.

Chaidh e seachad air a dachaigh agus stad e aig oir an rathaid eadar Srath Pheofhair agus Inbhir Pheofharain far an tug e ionnsaigh fheiseil oirre.

Dh'fhàg e an uairsin a-muigh ann an Inbhir Pheofharain i san fhuachd fo ìre-reòthaidh.

Chaidh Brown às àicheadh gun do dh'èignich e i ach chaidh fhaighinn ciontach sa Ghiblean.

An dèidh dha Brown a bhith air a dhìteadh, chaidh innse dhan chùirt gun robh dùil aige ath-thagradh a dhèanamh.

Dhearbh neach-labhairt airson Seirbheis Chùirtean na h-Alba gu bheil Brown air leigeil fhaicinn gu bheil e an dùil ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh an dìtidh agus na binn.

Ged nach deach iarrtas foirmeil a dhèanamh fhathast, 's e Dimàirt an 21mh den Iuchar an ceann-là airson an leithid.

Connspaid

Tha connspaid air a bhith a' leantainn anns na seachdainean mu dheireadh an dèidh do Chomataidh na Ceadachd aig Comhairle na Gàidhealtachd leigeil le Daibhidh Brown a chead airson tacsaidh a ruith a chumail.

Sin a dh' aindeoin 's gun robh Poileas Alba an aghaidh seo.

Bha ball do theaghlach Brown air nochdadh air beulaibh na comataidh le iarrtas nach dèidheadh cead a tharraing.

Tha ceathrar chomhairlichean air a' chomataidh fhàgail bho chaidh an co-dhùnadh a ruighinn, le fear dhuibh air seasamh sìos mar chomhairliche.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid an gnothach a dheasbad às ùr aig coinneimh den làn-chomhairle.

Tuilleadh mun sgeulachd seo