Co-dhùnadh mu chead-tagsaidh èigniche 'maslach' a rèir neach-gairm comhairle

Chaidh Daibhidh Brown a chur dhan phrìosan sa Chèitean airson ionnsaigh a thoirt air boireannach a bha 18 bliadhna de dh'aois
- Air fhoillseachadh
Bha co-dhùnadh sianar chomhairlichean leigeil le fear a rinn èigneachadh dà chead-tagsaidh a chumail "maslach, tha neach-gairm Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh.
Chaidh bìnn prìosain sia bliadhna agus naoi mìosan air Daibhidh Brown, 50, à Crothaidh, faisg air Inbhir Nis, sa Chèitean airson ionnsaigh a thug e air boireannach, 18, a bha a' siubhal san tagsaidh aige.
San Ògmhios, bhòt sianar bhall fireann air comatadh ceadachd na Gàidhealtachd gun na ceadan-tagsaidh aig Brown a thoirt air falbh bhuaithe, ach bhòt ceathrar chomhairlichean boireann na aghaidh.
Aig coinneamh shònraichte den làn-chomhairle Dimàirt, thuirt an neach-gairm Bill Lobban gur e "gnothach neo-fhoisneachail" a bh' ann ann an eachdraidh an ùghdarrais ionadail.
Chaidh a' choinneamh an Inbhir Nis a ghairm sa chiad dol a-mach airson ath-sgrùdadh a dhèanamh air co-dhùnadh na comataidh ceadachd, ach leig Brown seachad na ceadan aige mus robh cothrom aig comhairlichean sin a dhèanamh.
Bhòt cion-earbsa
Thuirt Mgr Lobban gun robh an co-dhùnadh dhan tàinig a' mhòr-chuid air a' chomataidh ceadachd "do-dhèanta a chreidsinn agus, na mo bheachd fhèin, maslach".
Thuirt an comhairliche neo-eisimileach: "Tha e cudromach cuimhneachadh gu bheil neach-fulaing aig cridhe a' ghnothaich seo. Tha an t-eagal orm nach eil cus aire air a bhith air a thoirt orra sna beagan sheachdainean a dh'fhalbh."
Bidh bhòt cion-earbsa ann an còignear den t-sianar chomhairlichean aig coinneimh den làn-chomhairle san t-Sultain.
'S iad Sean Ceannadach, seann chathraiche na comataidh agus nach eil an lùib buidheann sam bith air a' chomhairle tuilleadh an dèidh dha ballrachd sa bhuidhinn neo-eisimilich a leigeil seachad.
Cuideachd, tha am ball Tòraidheach Ruraidh Stiùbhart agus comhairliche Caidreachas na Gàidhealtachd Donnchadh Mac a' Phearsain.
Fearg nach do chaill draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire cead tagsaidh a ruith
- Air fhoillseachadh2 An t-Iuchar
Dh'èignich draibhear tagsaidh deugaire mus do dh'fhàg e i a-muigh an sìde reòta
- Air fhoillseachadh15 An Cèitean
Bidh bhòt cion-earbsa cuideachd ann an John Grafton, air an do chuir Libearalaich Dheamocratach na h-Alba casg rè ùine, agus an comhairliche SNP Chris Birt a chuireadh às a' phàrtaidh aige cuideachd.
Sheas an siathamh ball, Willie MacAoidh, sìos mar chomhairliche an dèidh a' bhuairidh a bh' ann mun cho-dhùnadh. B' e ball neo-eisimileach a bh' ann.
Chaidh cead-draibhidh tagsaidh aig Brown a thoirt air falbh rè ùine san Fhaoilleach 2024 an dèidh mar a thàinig na h-eucoirean aige am follais.
Bha cead eile aige a bha a' leigeil leis an carbad aige a bhith air a chleachdadh mar thagsaidh.
Chaidh co-dhùnadh na comataidh san Ògmhios a chàineadh le cathrannasan a tha a' cumail taic ri daoine a dh'fhuiling èigneachadh agus ionnsaighean feiseil.
Thuirt iad gun robh e a' sgaoileadh "teachdaireachd chronail" mu shàbhailteachd bhoireannach.
Ath-thagradh
Thuirt Mgr Grafton agus Mgr Mac a' Phearsain gun do bhòt comhairlichean gun càil a dhèanamh airson teaghlach Brown a "dhìon".
Thuirt Mgr Mac a' Phearsain gum faodadh gum biodh iad air co-dhùnadh eile a ruighinn nan robh fiosrachadh aca nach robh ri fhaotainn air là na coinneimh.
Thuirt e gun tuirt oifigearan ris nach robh Brown "na chunnart an-dràsta", agus nach biodh cead aige a chaoidh tagsaidh a dhraibheadh a-rithist.
Thuirt e: "Tha mi a' bruidhinn mar athar nighinn agus fear aig a bheil triùir pheathraichean, agus mar sheanair, agus tha e na adhbhar dragh dhomh gu bheil co-dhùnadh a rinn mise air a' chomataidh a' fàgail gu bheil ceist ann mu shàbhailteachd bhoireannach air a' Ghàidhealtachd."
Thuirt e gur e sin a bu choireach gun do leig e dheth a dhreuchd air a' chomataidh.
Air oidhche na h-ionnsaigh san Dùbhlachd 2023, thug Brown còmhdhail dhan bhoireannach an dèidh dhi a bhith a-muigh ann an Inbhir Nis agus i airson faighinn air ais dhan bhaile aice.
Seach a toirt dhachaigh, chaidh Brown seachad air an taighe aice agus stad e aig oir an rathaid eadar Inbhir Pheofharain agus Srath Pheofharain far an do dh'èignich e i.
Dh'fhàg e às dèidh sin a-muigh air an t-sràid i ann an Inbhir Pheofharain ann an sìde reòta.
Tha dùil gum bi Brown a' dèanamh ath-thagraidh an aghaidh an dìtidh agus na binne.