Dragh mu phlana leasachaidh aig àite-amhairc 'cruth na h-Alba'

Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil Loch Gharadh coltach ri cruth tìr-mòr na h-Alba às an àite-amhairc
- Air fhoillseachadh
Nochd mu 120 duine aig coinneimh phoblaich ann an Inbhir Gharadh oidhche Luain agus dragh aig mòran dhiubh mu phlana ionad turasachd a thogail san sgìre.
Tha a' chompanaidh Black Sheep Management Services, leis a bheil na h-uimhir de thaighean-òsta 's taighean-bìdh air feadh na Gàidhealtachd, airson àite-amhairc a tha fo shealbh aca a leudachadh.
Gheibhear sealladh air Loch Gharadh às an làraich an cois rathad an A87 agus cuid den bheachd gu bheil coltas tìr-mòr na h-Alba air.
Tha a' chompanaidh airson barrachd dhaoine a thàladh ann le bhith a' togail ionaid do luchd-tadhail sam bi taigh-bìdh is bùth cho math ri àitichean-parcaidh gu leòr airson 120 carbad.

Nochd caochladh bheachdan aig a' choinneimh mun phlana airson an àite-amhairc
Chualar draghan aig a' choinneimh mu shàbhailteachd nan rathaidean, mun chron air an àrainneachd a dh'fhaodadh a bhith ann agus mun bhuaidh air an talla-choimhearsnachd a tha mar-tha na ghoireas do luchd-turais.
Bhruidhinn dithis a bha taiceil ris a' phlana agus a bha a' faicinn gum faodadh buannachdan eaconomach a bhith na lùib.
Dh'iarr BBC Naidheachdan beachd bho Black Sheep Management Services ach cha tug iad freagairt fhathast.
Dùinidh a' cho-chomhairleachadh phoblach mu na planaichean air an 15mh den Dùbhlachd, agus tha dùil gun cùm a' chompanaidh seisean fiosrachaidh ann an Inbhir Gharadh ro dheireadh na bliadhna.