Faoileagan a' dèanamh "dragh mòr" do mhuinntir Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Tha an fhuaim a nì faoileagan ann an uairean beaga na maidne a' cumail luchd-còmhnaidh nan dachannan-cùraim an Inbhir Nis bho bhith a' cadal, a rèir aithisg ùir.
Thèid an aithisg a chur air beulaibh chomhairlichean 's iarrtas ann gun cuir iad taic ri planaichean feuch dèiligeadh riutha.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh cuideachd gu bheil na h-eòin, a th' air an dìon fon lagh, a' cur dragh air daoine, 's a goid bìdh às an làmhan.
Tha iad cuideachd a' toirt air bun-sgoiltean gun leigeil le sgoilearan a bhith ag ithe a-muigh, agus tha aithrisean ann cuideachd gu bheil iad a' toirt ionnsaighean air sgoilearan nas sine taobh a-muigh bhùithdean bìdh.
Tha oifigearan comhairle ag ràdh san aithisg gum faodadh còrr is 700 làrach neadachaidh a bhith aig faoileagan air feadh Inbhir Nis.
Chaidh iarraidh air comhairlichean plana ùr aontachadh gus dèiligeadh ris na h-eòin.
Dùil ri brath mu na faoileagan
- Air fhoillseachadh1 An Dàmhair 2025
Am measg nam molaidhean tha a bhith ag innse do dhaoine gun biadh a thoirt do na faoileagan, a bhith a' cleachdadh bhionaichean a tha doirbh do na h-eòin fhaighinn a-steach annta, agus cuideachd a bhith a' cleachdadh itealagan, bhrataichean agus fuaim gus an cumail air falbh.
Tha Nàdar Alba air £20,000 a thoirt seachad gus planaichean a leasachadh ann an Inbhir Nis is Inbhir Narann.
Air a' mhìos a chaidh, chaidh iarraidh air daoine fios a chur mu ionnsaighean fhaoileagan ann an Inbhir Nis an dèidh 16 ionnsaigh fhad 's a bha sealg uighean Càisge a' dol thairis air deireadh-sheachdain.
Thuirt Sgìre Leasachaidh Ghnothachais (BID) Inbhir Nis a bha a' ruith an tachartais ann am meadhan a' bhaile, gum facas grunn tursan na h-eòin a' teàrnadh air - agus uaireanan a' bualadh - daoine, clann nam measg.
Dh'iarr iad air daoine fios a chur thuca mu ionnsaighean feuch àitichean a bha gu sònraichte dona aithneachadh.