Cuireadh do dh'àrd-oifigear Lloyds tadhal air Beinn na Faoghla

- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Bheinn na Faoghla ag iarraidh air àrd-oifigear Bhanca Lloyds a dhol ann a dh'fhaicinn an t-seòrsa buaidhe a bheir dùnadh meur de Bhanca na h-Alba ann am Baile a' Mhanaich.
'S ann le Banca Lloyds a tha Banca na h-Alba agus tha iad air planaichean fhoillseachadh gus meur Bheinn na Faoghla a dhùnadh san Iuchar.
Fàgaidh sin dìreach aon bhanca ann an Uibhist gu lèir - Banca Rìoghail na h-Alba ann an Loch Baghasdail, nach eil fosgailte ach dà là san t-seachdain.
Tha sin 26 mìle air falbh bho Bhaile a' Mhanaich, agus nas fhaide buileach, 52 mìle, à Beàrnaraigh sa cheann a tuath.
Tha bhana a' bhanca sin cuideachd a' dol air feadh Uibhist dà là san t-seachdain.
Ìmpidh air Banca na h-Alba gun meur Bhaile a' Mhanaich a dhùnadh
- Air fhoillseachadh4 Am Màrt
Cha bheachdaich Banca na h-Alba às ùr air dùnadh meur ann an Uibhist
- Air fhoillseachadh25 An Gearran
"Feumaidh sinn am banca ann am Baile a' Mhanaich"
- Air fhoillseachadh13 An Gearran
Chuir 2,071 duine an ainm ri athchuinge an aghaidh nam planaichean, 's chaidh sin a chur gu àrd-oifigeir Bhanca Lloyds, Charlie Nunn.
Sin mun dàrna leth de dh'inbhich ann an Uibhist air fad.
Cuide ris an athchuinge, chaidh fiosrachadh nas fharsainne mun aimsir agus cho tric 's a bha aiseagan air an cur dheth a chur thuige.
Thug iad cuireadh dha tighinn a Bheinn na Faoghla a chluinntinn bho mhuinntir Uibhist mun t-suidheachadh sam fàgadh dùnadh a' bhanca iad fhèin agus gnothachasan ionadail.
Cha chualas freagairt fhathast bho Bhanca Lloyds.
Dhearbh ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, gum biodh e deònach coinneachadh ris nan tigeadh e.
Tha iomairt a' leantainn gus coinneamh phoblach a chur air dòigh mun chùis uaireigin an ath-mhìos.