"Bha sinn a' coiseachd tro sheata film. Bha sin caran a-mach às an àbhaist."

Malissa Van Eekelen agus Lykke Kortekaas
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eil Russell Crowe ach a' cur ri bòidhchead an Eilein dhan dithis seo às an Òlaind

LeTeàrlach QuinnellBBC NaidheachdanagusCalum MacLeòidBBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Chan eil film eile buileach coltach ri Highlander.

Seallaidhean àlainn den Ghàidhealtachd, sgeulachd annasach, agus ceòl bhon chòmhlan Queen. Measgachadh gun samhail.

40 bliadhna bho thàinig a' chiad fhilm a-mach, tha fear ùr ga chlàradh aig làraichean air Ghàidhealtachd - nam measg, coltach ris a' chiad fhear, Caisteal Eilean Donnain, Gleann Comhann agus an t-Eilean Sgitheanach.

An àite Sir Sean Connery, Christopher Lambert agus Celia Imrie ge-tà, an turas seo, am measg nan daoine ainmeil a th' air tighinn tha Henry Cavill, Russell Crowe - agus tè às Inbhir Nis, Karen Gillan.

Cha robh luchd-turais a thàinig à thall-thairis airson an t-Eilean Sgitheanach fhaicinn bho chionn ghoirid an dùil gum faiceadh iad a leithid.

Christopher LambertTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha 40 bliadhna bho chaidh a' chiad fhilm Highlander a dhèanamh

Ach, a dh'aindeoin 's gu bheil raointean-parcaidh aig cuid de na h-àitichean as ainmeile dùinte airson fiolmadh, chan eil a' chùis air milleadh sam bith a dhèanamh air na saor-làithean aca.

"Tha e ga dhèanamh nas sònraichte a bhith an seo," thuirt tè de luchd-turais a th' air an t-Eilean Sgitheanach a ruighinn mar thà.

"'S e àite tlachdmhor a th' ann. Seallaidhean àlainn.

"Tha Russell Crowe glè shnog a choimhead air, chan eil trioblaid an sin," thuirt tèile.

"Bha sinn a' coiseachd tro Ghleann Chomhann, tro sheata an fhilm. Bha sin caran a-mach às an àbhaist."

Ailean Dòmhnallach

Ma bha na h-uimhir de dh'iomagain air luchd-gnothaich san eilean, is coltach nach robh adhbhar aca.

"Anns a' chiad char chanainn gun robh 's dòcha sinne a' smaoineachadh gum biodh e beagan nas sàmhaiche a chionn 's gun robh na h-àitichean parcaidh dùinte aig an Stòr, agus aig Creag an Fhèilidh is àitichean mar sin," thuirt Ailean Dòmhnallach, a tha a' ruith cafaidh ann an Stafainn.

"Ach airson an fhìrinn innse dhut tha e air a bhith dìreach cho trang 's a bhiodh dùil againn aig an àm seo den bhliadhna.

"Chanainn gu bheil mi a' coimhead air adhart ris gun teagamh.

"Bha mi a' coimhead a' chiad fhilm nuair a bha mi òg, agus bidh e inntinneach ri fhaicinn dè nì iad leis."

Raghnall Robasdan

Ged a tha film ùr ga dhèanamh cha dèanar dìochuimhne air an t-seann fhear, agus dùil gun tèid sin a shealltainn aig an taigh-dhealbh ionadail cuideachd sna seachdainnean a tha romhainn.

"Tha taigh-dhealbh beag coimhearsnachd againn an seo. Dìreach 40 suidheachan," thuirt am fear-gnothaich Raghnall Robasdan.

"Siud pàirt den ionad-tadhail againn, agus tha e a' còrdadh rinn a bhith a' cur rudan air dhan choimhearsnachd.

"Tha cuimhne agam a bhith ga choimhead 's a' faicinn sealladh ainmeil sabaid sa Chuilfhionn.

"Shaoil sinn, 'tha am fear ùr seo ga fhiolmadh. An 40mh ceann-bliadhna', seadh, cuiridh sinn air e dhan choimhearsnachd agus 's e deagh oidhche a bhiodh ann 'son a shealltainn."

Bidh ceist air gu leòr a tha dèidheil air an t-seann fhilm am faicear an aon "seòrsa draoidheachd" 's a bh' ann anns an fhear ùr.

Tha beagan is bliadhna aca ri fheitheamh ge-tà, mus nochd e sna taighean-deilbh.

Ma cheadaicheas sibh aon phun follaiseach a bharrachd dhomh, 's dòcha gun can iad an uair sin, gum faod na dhà a bhith ann air a' cheann thall.