Cead 'son ospadal ùr a' Ghearasdain air beulaibh chomhairlichean

Togalach ùr, gleansach, fada le beanntan air a chùlaibh. Tha sneachd air na beanntan. Tha càraichean air beulaibh an togalaich. Tùs an deilbh, NHS NA GAIDHEALTACHD
  • Air fhoillseachadh

Thèid iarraidh air comhairlichean air a' Ghàidhealtachd gabhail ri planaichean airson ospadal ùr a thogail sa Ghearasdan.

Chaidh iarrtas oifigeil a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd sa Ghearran a' sireadh cead air a shon.

Gabhaidh e àite Ospadal a' Bhelford a tha mu 60 bliadhna a dh' aois agus nach eil freagarrach tuilleadh a thaobh feumalachdan slàinte a' phobaill.

Cosgaidh e £137m agus thèid a thogail air làrach air a' Bhlàir Mhòir, faisg air Caol a' Ghearasdain.

Am measg nam planaichean tha roinn tubaist is èiginn ùr-nòsach, seòmraichean-lannsa agus ionad màthaireachd.

Tha luchd-iomairt slàinte air a bhith ag iarraidh ospadal ùr sa Ghearasdan fad bhliadhnaichean.

Tha an Dr Mìcheil Foxley, a bha roimhe na cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd, nam measg.

Chuir an Dr Foxley fàilte mhòr air a' ghluasad agus tha e toilichte gun deach fuasglaidhean fhaighinn airson cuid de dhùbhlain.

Fireannach le falt agus feusag liath na sheasamh air beulaibh sean thogalach ospadail. Tha coltas uisge oirre.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Dr Mìcheil Foxley air a bhith ag iomairt airson ospadal ùr fad bhliadhnaichean

"Tha sinn fhathast a' putadh airson uidheamachd MRI a bhios ann fad na h-ùine.

"Tha sinn a' putadh cuideachd airson seòmar endoscopy, seach sin a bhith ga dhèanamh san t-seòmar airson lannsa."

"Tha feum cuideachd air àite-laighe do heileacoptar nam maor-cladaich agus cha deach fuasgladh maireannach fhaighinn airson sin fhathast."

Sean thogalach glas le beanntan air a chùlaibh.
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eil Ospadal a' Bhelford a' freagairt air feumalachdan a' phobuill tuilleadh

Thèid na planaichean, taobh a-muigh air beulaibh chomhairlichean air Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas air an 17mh den Ògmhios.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd roimhe gur dòcha gun tòisich an obair cho tràth ris an Dàmhair an ath-bhliadhna ach chan eil clàr-ama sam bith dearbhte fhathast.