Uainich ag iarraidh maoin £13m mu choinneimh theintean fiadhaich

Smàladair a' dèiligeadh ri teine sa mhòintich is iad a' frasadh uisge air an talamh. Tha masg orra is tha ceò ag èirigh bhon talamh.Tùs an deilbh, RSPB na h-Alba
  • Air fhoillseachadh

Dh'iarr Partaidh Uaine na h-Alba gun tèid maoin £13m a chur air dòigh airson dèiligeadh ri teintean fiadhaich ann am buidseat na h-Alba an ath-sheachdain.

Tha seo an dèidh droch theine anns a' Mhonadh Ruadh as t-samhradh am-bliadhna a thug cha mhòr còig seachdainnean a chur às 's a rinn milleadh farsainn.

Bha cuideachd teine mòr eile ann air Àird na Saighde ann an Dùn Èideann.

Chaidh càineadh a dhèanamh air cho fada 's a thug e smachd fhaighinn air an teine sa Mhonadh Ruadh, le ceistean gan togail aig an àm an robh uidheamachd agus maoineachadh gu leòr aig an t-seirbheis smàlaidh.

Bha daoine air an toirt às an dachannan agus bha gnothachasan dùinte fad seachdainnean aig an àm as trainge de sheusan na turasachd, a' call airgid mhòir ri linn.

Gheall an riaghaltas taic-airgid dhaibh airson an cuideachadh faighinn thairis air na thachair.

Cuiridh Rùnaire an Ionmhais, Jenny Gilruth, buidseat Riaghaltas na h-Alba air beulaibh na Pàrlamaid air an 3mh là den Dùbhlachd.

Chan eil mòr-chuid aig riaghaltas an SNP aig Holyrood, agus tha iad a' cur feum air taic bho phartaidhean eile airson reachdas a chur troimhe.

Le 15 buill aig Holyrood tha cuideam gu leòr aig na h-Uainich a bhith cudromach do Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a' faighinn a' bhuidseit aca troimhe, agus tha dùil gum bi a' mhaoin ùr an lùib na dh'iarradh am partaidh airson an cuid taice a ghlèidheadh.

"Tha sinn a' faicinn àrdachadh anns na tha de theintean fiadhaich agus cho dona 's a tha iad agus iad a' toirt buaidh air cruth ar tìre agus ar coimhearsnachdan," thuirt am BPA Uaineach Maggie Chapman.

"Chan eil an t-seirbheis smàlaidh is teasairginn againn comasach air freagairt luath agus èifeachdach a thoirt orra mura bi iad air am maoineachadh 's air an uidheamachadh gu ceart airson na h-obrach seo a dhèanamh."

Thuirt Ms Chapman gu bheil fianais a' sealltainn gum fàg atharrachadh na gnàth-shìde gum bi barrachd theintean ann sna bliadhnaichean a tha romhainn agus gun cuir sin uallach a bharrachd air an t-seirbheis smàlaidh.

"Le gealltanas maoin sònraichte a chruthachadh, faodaidh Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gu bheil na smàladairean dealasach againn deiseil agus comasach air teintean fiadhaich sam bith a làimhseachadh, a' lùghdachadh a' mhillidh air ar n-àrainneachd nàdarra, 's gan cumail fhèin sàbhailte fhad 's a tha iad a' cur dìon air daoine agus a' phlanaid."

Aghaidh teine a' sìneadh na mìltean air ais tro chruth-tìre bheanntail, dhorcha agus ceò tiugh ag èirigh às.Tùs an deilbh, RSPB NA H-ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Bha ceistean aig an àm dè cho uidheamaichte agus maoinichte 's a bha an t-seirbheis smàlaidh an lùib iomairt sa Mhonadh Ruadh as t-samhradh

A' freagairt nam puingean sin, thuirt Rùnaire a' Cheartais Neil Gray: "Tha cha mhòr £436m ann am buidseat 2026-27 airson Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba (SFRS) - àrdachadh £23.8m.

"Tha an t-airgead seo ga chosg far a bheil feum air, a' gabhail a-steach a bhith a' dèiligeadh ri teintean fiadhaich.

"Tha Riaghaltas na h-Alba a' bruidhinn gu tric ris an SFRS airson dèanamh cinnteach gu bheil na goireasan aca airson coimhearsnachdan na h-Alba a chumail sàbhailte.

"Tha co-dhùnaidhean air mar a tha am buidseat sin air a chosg an urra ri bòrd agus àrd-oifigear an SFRS"."