Dìth adhartais mu chosgaisean euslainteach: "Chan eil leisgeul ann"

Bidh euslaintich a' faighinn £60 gach oidhche airson cosgaisean siubhail is aoigheachd ma dh'fheumas iad falbh airson cùram slàinte fhaighinn
- Air fhoillseachadh
Tha feadhainn ann an Uibhist ag ràdh gur e briseadh-dùil a th' ann nach tàinig fios fhathast bho sgrùdadh air sgeama taic-siubhail nan euslainteach air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.
Fon sgeama a th' ann, gheibh euslaintich a dh'fheumas siubhal astar mòr 'son cùram fhaighinn airgead air ais mu choinneimh chosgaisean siubhail agus aoigheachd, ach chan eil iad a' faighinn na chosg iad gu lèir air ais.
Aig Holyrood Dimàirt, dh'fhaighnich BPA nan Eilean Siar, Dòmhnall MacFhionghain, cuin a thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an taic £60 gach oidhche do dh'euslaintich a dh'fheumas a bhith san ospadal astar bho an dachaigh.

Thuirt Alison Thewliss gu bheil obair fhathast a' dol gus cruth an ath-sgrùdaidh a dhearbhadh
Fhreagair Ministear a' Chùraim Choimhearsnachd, Alison Thewliss, nach deach cruth an ath-sgrùdaidh sin a dhearbhadh fhathast.
"Tha Riaghaltas na h-Alba fo ghealltanas ath-sgrùdadh a dhèanamh air stiùireadh Sgeama Siubhail nan Euslainteach, agus tha bun-obair a' dol air adhart feuch dè bhios fa-near dhan ath-sgrùdadh sin," thuirt i.
"Leis gu bheil an obair seo fhathast aig ìre thràth, bhiodh e ro thràth clàr-ama a chur a-mach air a shon."
Anns a' Ghiblean 2023, thuirt Minsitear na Slàinte Poblaich, Jenni Minto, gun deadh an t-ath-sgrùdadh a dhèanamh "cho luath 's a ghabhas".

Tha Sarah NicEachainn, a tha a' fuireach ann an Uibhist ag ràdh gur e fìor bhriseadh-dùil a th' ann
"Fìor bhriseadh-dùil," thuirt Sarah NicEachainn, a tha a' fuireach agus ag obair an Uibhist.
"Tha cruaidh-fheum air ath-sgrùdadh air seo, airson nuair a th' aig daoine ri falbh às na h-eileanan air adhbharan meadaigeach tha fortan ga chosg.
"Gu h-àraid ma tha thu a' falbh airson leigheis fad-ùine tha sin a' cosg airgid gun chiall.
"Tha làn-àm aca coimhead ri seo agus coimhead ris na duilgheadasan a th' aig daoine ann an àitichean iomallach far am feum iad a dhol gu baile mòr airson leigheis."
Ath-sgrùdadh ga iarraidh air cosgaisean siubhail euslainteach
- Air fhoillseachadh29 Am Faoilleach
Còmhdhail "thruagh" nan Eilean Siar a' toirt buaidh air slàinte euslainteach
- Air fhoillseachadh13 An Dùbhlachd 2023
Trioblaidean còmhdhail "a' cur ri àmhghar euslainteach"
- Air fhoillseachadh20 An Lùnastal 2024
Na freagairt don cheist aig Dòmhnall MacFhionghain, thuirt Alison Thewliss gun robh an riaghaltas airson 's gun deadh an t-ath-sgrùdadh fhiosrachadh "le obair nas farsainne a tha a' dol airson cothrom nas fheàrr a thoirt do dhaoine air cùram slàinte tro chengaileachd chòmhdhail agus dealbhachadh seirbheis nas fheàrr".
Thuirt i gun toireadh sin dhaibh measadh nas fheàrr air na bacaidhean a tha mu choinneimh euslainteach a dh'fheumas siubhal airson cùram fhaighinn.
Bu chòir ge-tà, adhartas nas motha a bhith ann an dèidh trì bliadhna, a rèir Ms NicEachainn.
"Chanadh tu gum biodh trì bliadhna fada gu leòr dhaibh rud obrachadh a-mach."
"Chan eil aca ach suidhe timcheall air bòrd agus seo a chur air dòigh.
"Aig a' cheann thall, tha iad ag aontachadh a thaobh airgid agus a thaobh maoineachaidh airson rudan mar seo fhaighinn gu dol agus chan eil leisgeul ann airson e a bhith a' toirt na h-ùine a tha e air a thoirt."