£1m a dhìth 'son Bùth Bharraigh a leasachadh gu "math an t-sluaigh"

Dealbh neach-ealain air mar a bhios Bùth Bharraigh coltach nuair a bhios an obair leasachaidh deiseil
- Air fhoillseachadh
Tha am plana airson cur ri Bùth Bharraigh air ceum eile a ghabhail an dèidh dhan phròiseact cead-dealbhachaidh fhaighinn.
Chaidh a' bhùth a stèidheachadh ann an 2013 an seann togalach a' Cho-op ann am Bàgh a' Chaisteil mar iomairt shòisealta, taobh a-muigh.
'S e feallsanachd na bùtha taic a chumail ri muinntir Bharraigh is Bhatarsaigh le bhith a' cur ris an eaconomaidh ionadail agus a bhith a' cruthachadh chothroman.
An-uiridh, thuirt iad gun do rinn an goireas teachd a-steach de mu £2m on dh'fhosgail i.
Tha trì bliadhna on fhuair a' choimhearsnachd sealbh air an togalach bho Chomhairle nan Eilean Siar an dèidh dhaibh strì a dhèanamh an aghaidh plana a leagail.
Feumaidh iad a-nis £1m a thogail airson na planaichean a thoirt gu buil.

Tha 13 bliadhna on chaidh a' bhùth coimhearsnachd a stèidheachadh far an robh uair an Co-op
Tha dùil aca a' bhùth fhèin agus an cafaidh a leudachadh le uinneagan nas motha le sealladh air a' chala.
Tha iad cuideachd airson ionad-fiosrachaidh do luchd-turais a bhith stèidhichte ann, seirbheis a tha iad air a bhith a' toirt seachad bho 2018.
Tha Manaidsear Bùth Bharraigh, Sarah NicIllEathain, ag ràdh gum faigh an luchd-obrach, saor-thoilich agus luchd-ceannaich uile buannachd às an leasachadh.
Thug i taing dhan a h-uile duine a th' air a bhith an sàs sa phròiseact.
Thuirt i: "'S e ceum mòr air adhart airson math agus saoibhreas na coimhearsnachd agus cothrom do luchd-ciùird bathar a reic.
"Tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith a' cur fàilte air a h-uile duine an ùine gun a bhith ro fhada."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An t-Samhain 2025

- Air fhoillseachadh17 An Gearran 2022
