Bùth Bharraigh a' strì an aghaidh leagail an togalaich aca
- Air fhoillseachadh

Luchd taic Bùth Bharraigh taobh a-muigh an togalaich anns a' bheil iad an-dràsta.
Thuirt Bùth Bharraigh gun dèan iad a h-uile strì an aghaidh co-dhùnadh Comhairle nan Eilean Siar an togalach anns a bheil iad an-dràsda a leagail.
Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil na planaichean nam pàirt de leasachadh £2m ann am Barraigh le dachaidh ùr dhan bhùth nan cois.
Tha iad cuideachd ag ràdh gur robh làn fhios aig muinntir na bùtha gum b' e àite eadar-amail a bh'ann dhaibh a-riamh.
Dh'aontaich Comhairle Coimhearsnachd Bhàgh a' Chaisteil fhèin gum bu chòir a leagail às dèidh don bhùth a bhith air a stèidheachadh ann, thuirt a' Chomhairle.
Ach tha muinntir na bùtha ag ràdh ge-tà nach eil iad idir an dùil gluasad.
Tha iad ag ràdh gu bheil e nas fhasa do luchd-turais fhaiginn thuca an-dràsta agus nach eil an togallach eile idir freagarrach airson nan seirbhisean a thathas a' tabhainn.
Thuirt tè de stiùirichean Bùth Bharraigh, Màiri Anna Fhearghasdan, gu bheil iad airson fuireach anns a' làraich sin
"Chan eil an làrach ùr cho goireasach agus chan eil e cho furasta lorg fhaighinn air.
"Nì sinn a h-uile rud 's urrainn dhuinn gus stad a chur air seo."
Ghluais Bùth Bharraigh gu seann togalach a' Cho-op ann am Bàgh a' Chaisteil anns an Dùbhlachd 2013.