Bùth coimhearsnachd Bharraigh a' dol bho neart gu neart

- Air fhoillseachadh
Thathar an dùil obair leasachaidh a dhèanamh air an togalach sa bheil Bùth Bharraigh gus am bi an goireas, a tha fo smachd na coimhearsnachd, nas èifeachdaiche a ruith agus nas tarraingiche don luchd-ceannach.
Tha 12 bliadhna on chaidh a' bhùth a stèidheachadh ann an seann togalach a' Cho-op ann am Bàgh a' Chaisteil mar iomairt shòisealta, taobh a-muigh.
Tha i air duais chliùiteach a chosnadh airson cur ris an eaconomaidh ionadail agus tha na seirbheisean a tha i a' tabhainn air leudachadh san ùine sin.
Cha tàinig atharrachadh idir air coltas na bùtha ge tà. Tha plana ann a-nis airson an goireas a dhèanamh nas seasmhaiche.
Tha Màiri Anna NicFhearghais, aon de stiùirichean Bùth Bharraigh, ag ràdh gu bheil iad "airson a toirt air adhart gus am bi i a' coimhead nas fheàrr bhon taobh a-muigh agus bhon taobh a-staigh".
Tha iad an dòchas na tha e a' cosg dhaibh an togalach a chumail blàth a lùghdachadh le bhith a' cur a-staigh ionsulaideadh nas fheàrr agus panalan-grèine.
Ma gheibh iad cead-dealbhachaidh, 's e an ath cheum dhaibh airgead a chruinneachadh airson na h-obrach agus tha dùil gun cosg sin mu £800,000.
Bùth Bharraigh an làmhan na coimhearsnachd
- Air fhoillseachadh17 An Gearran 2022
Aithne is dòchas dha Bùth Bharraigh
- Air fhoillseachadh24 An Lùnastal 2016
Bùth Bharraigh a' strì an aghaidh leagail an togalaich aca
- Air fhoillseachadh9 An Dùbhlachd 2019
On a dh'fhosgail a' bhùth rinn i teachd a-steach de mu £2m. Thathar a' tomhas gun do chuir i cha mhòr £5m ri eaconomaidh an eilein le bhith a' margaidheachd agus a' reic bathar luchd-ciùird ionadail.
Tha a' bhùth cuideachd a' cur ri na tha luchd-aoigheachd a' cosnadh le bhith a' toirt seachad seirbheis fiosrachaidh do luchd-tadhail, agus tha teachd a-steach bho laimrig Bhàgh a' Chaisteil air dùblachadh on ghabh iad an t-uallach airson clàradh gus ceangal ann.
Thuirt manaidsear na bùtha, Sarah NicIlleathain: "Leis gun tàinig àrdachadh air an trafaig dhan mharina, tha sin a' ciallachadh gu bheil àrdachadh air teachd a-steach bhùitean, taighean-bìdh agus taighean-seinnse san sgìre."
Tha trì bliadhna on fhuair a' choimhearsnachd sealbh air an togalach bho Chomhairle nan Eilean Siar an dèidh dhaibh strì a dhèanamh an aghaidh plana a leagail.