Tubaist air an A86 an dèidh tubaist air an A82 air an dà rathad a dhùnadh

An A82Tùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an A82 a dhùnadh an dèidh na tubaiste mu 12:00f Diluain

  • Air fhoillseachadh

Tha na seirbheisean èiginneach air a bhith a' dèiligeadh ri tubaist-rathaid air an A82 - agus tubaist eile air seach-shlighe 154 mìle a chaidh a chomharrachadh ri linn.

Thathas a' tuigsinn gun do dhùin tubaist anns an robh aon charbad - làraidh - an sàs, an A82 aig Gleann Glaoidh faisg air Drochaid an Aonachain ann an Loch Abar goirid an dèidh meadhan là.

Chaidh heileacoptair agus dà ambaileans rathaid a chur chun na làraich.

Chaidh seach-shlighe a chomharrachadh taobh an A86, ach chaidh an rathad sin a dhùnadh mu 3:00f an dèidh tubaiste aig Srath Mhathaisidh, faisg air Lagan. Chaidh fhosgladh a-rithist.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba: "Chaidh fios a chur oirnn aig 12:13f Diluain an 6mh là den Iuchar a dhol a chuideachadh compàirtichean às na seirbheisean èiginn air an A82 faisg air Drochaid an Aonachain ann an Loch Abar.

"Chuir an t-ionad-stiùiridh trì innealan smàlaidh chun na làraich.

"Tha na sgiobannan fhathast an làthair."

Thuirt Seirbheis Ambaileans na h-Alba gu bheil an suidheachadh fhathast a' leantainn.

"Chaidh fios a chur oirnn aig 12:20f a dhol gu làrach tubaist-trafaig air an A82.

"Tha sinn air dà ambaileans, an sgioba cùraim chritigich againn agus ambaileans adhair chun na làraich."

An Todhar

Tha na Poilis cuideachd a' sireadh fiosrachaidh às dèidh dhroch thubaist faisg air an Todhar Là na Sàbaid an 5mh den Iuchar.

Aig mu 9:40f, chaidh Lexus dubh a lorg ann an achadh ri taobh rathad an A832 a tha a' dol eadar Cromba agus Geàrrloch.

Chaidh an draibhear, fireannach aois 17, a thoirt gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain agus e air a dhroch leòn.

Bha an rathad dùinte tron oidhche fhad 's a bha rannachadh ga dhèanamh agus chaidh fhosgladh a-rithist mu 07:20m Diluain an 6mh den Iuchar.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an Lexus mus deach e far an rathaid, no aig a bheil clàraidhean dashcam, fios a chur thuca.