Còrr is £1m don choimhearsnachd gus Oighreachd nam Bàgh a cheannach

'S e Oighreachd nam Bàgh (ann an orains) tè de na h-oighreachdan as motha sna h-Eileanan Siar a tha fhathast fo uachdaran prìobhaideach
- Air fhoillseachadh
Tha Stòras Fearainn na h-Alba air £1,082,680 a thoirt do dh'Oighreachd Coimhearsnachd Bhàigh na Hearadh Earranta (BoHCEL) gus am fearann sa bheil 10,927 heactair a chur ann an làmhan nan daoine.
Tha e air tè de shia sgìrean a fhuair maoineachadh air a' Ghàidhealtachd bhon stòras riaghaltais a thug seachad £2,197,924.
Thuirt Cathraiche BoHCEL, Euan Galloway, gun robh iad air an dòigh leis an naidheachd.
"Thug e 14 bliadhna dhuinn an ìre seo a ruighinn. Bu mhath leinn taing a thoirt do na daoine agus buidhnean a thug taic dhuinn."
Tha Oighreachd nam Bàgh a' toirt a-steach a' chuid as motha de thaobh sear na Hearadh, an Taobh Tuath, Beàrnaraigh agus eileanan beaga an Caoalas na Hearadh far nach eil sluagh.
Chaidh bhòt a chumail ann an 2022 san do chuir 290 den luchd-còmhnaidh an taic ri moladh an oighreachd a ghabhail os làimh, le 170 na aghaidh.
Taic bho ChnES a thaobh Oighreachd nam Bàgh
- Air fhoillseachadh25 An Lùnastal 2022
Chaidh bhòtadh airson na Bàigh a cheannach
- Air fhoillseachadh22 An t-Sultain 2022
Dòchas fhathast am Bàigh na Hearadh gum faigh iad sealbh air an fhearann
- Air fhoillseachadh15 Am Faoilleach
Am measg nam pròiseactan eile a fhuair taic-airgid bhon chuairt mhaoineachaidh as ùire seo de Stòras Fearann na h-Alba tha Coilltean Coimhearsnachd na Morbhairne.
Fhuair iadsan £459,650 airson 94 heactair de thalamh ri taobh baile Loch Àlainn a cheannach airson croitean, làraichean taighe agus coille coimhearsnachd a chruthachadh.
Chaidh £345,663 a thoirt do dh'Iomairt Coimhearsnachd Loch Iù airson an raon-gnìomhachais Bac Dubh ann am Poll Iù airson an làrach, nach eil ga chleachdadh tuilleadh, a leasachadh airson ghnothachasan ionadail.
Cleachdaidh Urras Coille Coimhearsnachd Chataibh a Tuath an £109,745 a fhuair iadsan airson bothan fiodha ann an Coille Bhorgaidh agus an talamh timcheall air a cheannach a chùm buannachd na coimhearsnachd.
Thuirt Cara GhillEasbaidh, Cathraiche Comataidh Stòras Fearainn na h-Alba: "Bidh an t-airgead seo a' toirt spionnadh do na coimhearsnachdan, a' cuideachadh bhuidhnean sealbh fhaighinn air talamh agus togalaichean cudromach agus a' fàgail gu bheil smachd aig daoine ionadail air na gnothaichean a tha cudromach dhaibh."