Naidheachdan 11:00m

Toradh nan deuchainnean sgoile

Tha àrdachadh san àireamh a shoirbhich aig a h-uile ìre ann an deuchainnean sgoile na h-Alba am-bliadhna. Ràinig na fhuair teisteanas aig ìre Nàiseanta 5 an ìre as motha a-riamh aig cha mhòr 80%. Tha cha mhòr 150,000 sgoilear a' faighinn toradh nan deuchainnean an-diugh.

BP

Dh'innis BP gun do rinn iad prothaid de £4.25bn san dàrna cairteal den bhliadhna. Tha sin suas bho £2.4bn sa chiad chairteal. Tha prìs na h-ola air èirigh gu mòr bho thòisich an cogadh san Ear-Mheadhanach. Leig BP fhaicinn an t-seachdain seo chaidh gu bheil iad an dùil an gnìomhachas anns a' Chuan a Tuath a reic.

Saoradh tràth

Dh'iarr Rùnaire a' Cheartais, Alex Norris, air banntrach oifigich poilis a leisgeul a ghabhail an dèidh dha tighinn am follais gun tèid dithis a bha an lùib bàs an duine aice a shaoradh tràth às a' phrìosan ged a chuir an riaghaltas riaghailtean nas cruaidhe an sàs. Chaill PC Andrew Harper a bheatha ann am Berkshire ann an 2019 nuair a bha triùir dheugairean a' teicheadh ann an car an dèidh mèirle a dhèanamh.

Elisabeth-Jane Ross

Tha poilis anns a' Ghreug fhathast a' rannsachadh bàs Elisabeth-Jane Ross à Dùn Èideann an dèidh a corp fhaighinn san Àithne bho chionn cola-deug. Thuirt na poilis gu bheil iad a' bruidhinn ri fear, 26, às Afganastan, a dh'aidich gun do ghluais e a corp.

Oighreachd nam Bàgh

Ghabh an iomairt airson Oighreachd nam Bàgh sna Hearadh a chur fo shealbh na coimhearsnachd ceum mòr le còrr is £1m bho Stòras an Fhearainn. Tha sin a' toirt Buidheann Coimhearsnachd Oighreachd nam Bàgh dhan t-suim airgid a tha a dhìth orra airon an talamh a' cheannach bhon teaghlach Hitchcock dham buin e an-dràsta.

Sealg a' Ghuga

Tha Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar ag iarraidh soilleireachd mu co-dhùnadh NàdarAlba cead a dhiùltadh do shealg a' ghuga am-bliadhna. Rinn am ball Làbarach, Torcuil Crichton, iarrtas tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh ag iarraidh mineachaidh air mar a thàinig NàdarAlba dhan cho-dhùnadh sin.

Carbadan-smàlaidh

Chuir fear de bhuill Ear-Thuath na h-Alba aig Holyrood, an Tòraidheach Liam Kerr, fios air Àrd-neach Sgrùdaidh na h-Alba ag iarraidh rannsachadh mu ochd innealan-smàlaidh nach eil ann an seirbheis fhathast ged a chaidh an òrdachadh bho chionn trì bliadhna. Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba gun deach beagan atharrachaidh a dhèanamh air na carbadan agus gum bi iad a' dol a-mach gu seirbheis an ceann beagan mhìosan.