Seirbheisean taic dibhe nas fheàrr a dhìth air an tuath

  • Air fhoillseachadh

Feumaidh goireasan a bheir taic do dhaoine le trioblaidean dibhe agus dhrugaichean a bhith nas fhasa fhaighinn ann an sgìrean dùthchail ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

Sin a chuala coinneamh de NHS na Gàidhealtachd Dimàirt, agus Buidheann Com-pàirteachais deoch-làidir is drugaichean Earra-Ghàidheal is Bhòid a' foillseachadh na h-aithisg bhliadhnail aca.

Drugaichean

Leasachadh

Tha Alba air a bhith a clàradh nan ìrean bàis as àirde co-cheangailte ri drugaichean anns an Roinn Eòrpa fad ghrunn bhliadhnaichean.

Tha bùird-slàinte agus ùgharrasan ionadail a' feuchainn ri sin a leasachadh le bhith a' cur air dòigh sheirbheisean slànachaidh agus rehab.

Ach, glè thric, ‘s ann anns na bailtean mòra a tha na goireasan sin ri fhaighinn.

Thuirt Àrd-Oifigear NHS na Gàidhealtachd, Pam Dudek, gu bheil dùbhlain romhpa ann a bhith a' toirt seachad leigheis ann an sgìrean dùthchail 's eileanan, gu sònraichte ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

"Chan eil e comasach na goireasan a tha dhìth air daoine a tha fo bhuaidh dhrugaichean no deoch-làidir anns a h-uile coimhearsnachd dhùthchail, a thoirt seachad gu furasta".

Rudan practaigeach

Thuirt Àrd-Oifigear Chùram Slàinte is Sòisealta Earra-Ghàidheal is Bhòid, Fiona Davies, ge-tà gum bi iad a' feuchainn ri nas urrainn dhaibh de sheirbheisean a thoirt seachad.

"Airson feadhainn 's e a bhith bruidhinn ri eòlaiche a tha na chuideachadh, no 'son feadhainn eile 's e rudan practaigeach leithid àite-fuirich a chur air dòigh dhaibh, agus 'son feadhainn eile, 's e cungaidhean leigheis a nì feum dhaibh" thuirt i.