Caball dealain Bharraigh gu bhith air ùrachadh

Bidh an càball a' tighinn tu tìr ann an Eòlaigearraidh an ceann a tuath Bharraigh
- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaich chumachd SSEN a' sireadh cead airson toiseach a' phròiseict gus an càball-dealain fon mhuir a tha a' ceangal Bharraigh ris a' ghriod nàiseanta a leasachadh.
Bidh càball 33kv ùr air a chur sìos eadar Coileag a' Phrionnsa ann an Èireisgeigh agus Cidhe Eòlaigearraidh ann am Barraigh.
Bidh Eriskay-Barraigh 3, mar a chanar ris, a' sìneadh 9.7km tarsainn Caolas Bharraigh aig doimhneachd suas ri 13 meatair.
Tha an t-iarrtas aig SSEN gu Comhairle nan Eilean Siar a' mìneachadh gun deach an càball a th' ann an-dràsta a chur an sàs ann an 2013 agus gu bheil "taobh a-muigh dheth ann an droch staid".
Bidh an càball ùr a' ruith ri taobh an fhir sin mar as fheàrr le SSEN gus am bi dà chuairt dealain ann a bheireadh barrachd seasmhachd don t-seirbheis ann am Barraigh, tha iad ag ràdh.

Bidh an càball a' ruith bho Choileag a' Phrionnsa ann an Èireisgeigh tarsainn Caolas Bharraigh
Tha an càball a' dol tro trì làraichean le dìon glèidhteachas Eòrpach agus tha an t-iarrtas dealbhachaidh ag aithneachadh gum faod am pròiseact buaidh a thoirt air mucan-mara, cearbanan, ròin agus biastan-dubha.
Ge-tà, 's e an dragh as motha a thaobh àrainn na tha de bhilearaich-mhara air slighe a' chàbaill.
Tha SSEN a' moladh an càball a chur air grunnd na mara seach trainnse a chladhach far a bheil an lus a' fàs airson a dhìon.
Tha a' chompanaidh chumhachd ag iarraidh an obair a dhèanamh eadar toiseach an Iuchair agus toiseach na Sultaine.
Tha iad ag aithneachadh gum biodh e na b' fhearr seusan àlachaidh nan eun a sheachnadh, ach 's e an argamaid shònraichte aca gum biodh e a chùm maith a' phobaill an dealan a chumail ri Barraigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An Lùnastal 2022

- Air fhoillseachadh7 Am Faoilleach 2019
