Eileanaich an Earra-Ghàidheal gan cur gu tìr-mòr ri linn dìth luchd-cùraim

Margo Baxter agus an nighean-cèile aice Denise BaxterTùs an deilbh, DEALBH AN TEAGHLAICH
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Margo Baxter fad mìos na leabaidh an dèidh mar a stad an t-seirbheis cùraim san dachaigh aice gu h-obann

LeAndreas Wolff
Fear-naidheachdAg aithris àEarra-Ghàidheal
  • Air fhoillseachadh

Tha teaghlach boireannaich ann am Muile air a bhith a' bruidhinn mu mar a stad an cùram a bha i a' faighinn na dachaigh gun rabhadh sam bith, agus mar a chaidh moladh dhaibh a gluasad gu dachaigh-cùraim air tìr-mòr.

Bhiodh luchd-cùraim a' tighinn gu taigh Margo Baxter airson a cuideachadh faighinn às an leabaidh gu cathair ach stad an t-seirbheis sin gu h-obann air an 16mh den Ghiblean.

Mhìnich neach-cùraim don nighean-cèile aice Denise Baxter gum feumadh dithis a fhuair trèanadh bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a-mhàin ann a bhith a' gluasad dhaoine a bhith an làthair.

Thuirt Denise: "Leis nach eil mi fhèin agus an duine agam air an trèanadh fhaighinn, bha e a' ciallachadh nach b' urrainn dhaibh obrachadh còmhla rinn."

Dh'fhàg an suidheachadh gum feum co-dhiù aon duine aca a bhith ag obair bhon taigh airson taic a chumail ri Margo.

Dh'fhaighnich iad don ùghdarras ionadail dè na roghainnean eile a bh' ann.

Mhol iad Margo a chur a dhachaigh-cùraim cho fada air falbh ri Baile Eilidh.

Thuirt Denise: "Mar sin, tha thu air son a cur air falbh airson bàs fhaighinn leatha fhèin."

Tha Caidreachas Slàinte agus Cùram Sòisealta Earra-Ghàidheal is Bhòid (HSCP) air an leisgeul a thabhann air an teaghlach agus thuirt iad gu bheil dìth luchd-cùraim a' fàgail gu bheil cùisean dùbhlanach dhan t-seirbheis.

Margo Baxter agus a mac EòghannTùs an deilbh, DEALBH AN TEAGHLAICH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha mac Margo, Eòghann, agus a bhean air a bhith a' cumail taic rithe na dachaigh

Bhruidhinn mi ri daoine a bha neo a tha fhathast ag obair do HSCP a thuirt gun do dh'fhalbh luchd-cùraim air sgàth agus cho truagh 's a tha am pàigheadh.

Dh'innis diofar dhaoine dhomh gu bheil iad eòlach air feadhainn nach fhaigheadh an cùram a bha a dhìth orra san eilean agus a b' fheudar a dhol gu dachaigh-cùraim air tìr-mòr.

Bha Marianne Noble roimhe ag obair mar neach-cùraim sa choimhearsnachd agus tha i ag ràdh "gu bheil tòrr dhaoine a tha gan cur air falbh."

Thuirt i: "Chan eil an taic ann airson an cumail aig an taigh agus dh'fhaodadh sin a bhith air a làimhseachadh na b' fheàrr."

Na beachd tha e a' failleachadh orra "an dleasdanas cùraim a choileanadh gu h-àraidh do dhaoine aig deireadh am beatha."

Leisgeul

Tha HSCP ag aideachadh gu bheil dùbhlan aca a thaobh luchd-obrach fhastadh agus gu seachd-àraid ann an eileanan.

Ann am brath, thuirt a' bhuidheann:

"Tha sinn airson leisgeul iarraidh air a' bhoireannach a tha fo cheist agus an teaghlach aice airson nan duilgheadasan an co-cheangal ris an t-seirbheis cùram san dachaigh.

"Mar a tha a' tachairt do dh'iomadach caidreachas slàinte is cùraim sòisealta air feadh na dùthcha, tha dùbhlain air a bhith againn luchd-obrach cùram san dachaigh fhastadh agus tha sin air a bhith nas motha buileach air cuid a dh'eileanan leithid Muile."

Margo Baxter ann an cathair-chuibhle leis an teaghlach aice Tùs an deilbh, DEALBH AN TEAGHLAICH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an teaghlach ag ràdh nach eil e soilleir am faigh Margo taic is cùram a h-uile là na dachaigh mar a chleachd

Dh'fhàg an suidheachadh san robh Margo an dèidh an cùram a bha i a' faighinn na dachaigh stad gun robh i fad mìos na leabaidh.

Bhon bhruidhinn mi ri Margo an toiseach tha i air uidheamachd a bharrachd fhaighinn a leigeas leatha an leabaidh fhàgail.

Thuirt an HSCP gun cuireadh iad fios air Margo agus a teaghlach feuch a bheil càil ann a ghabhas dèanamh airson "fuasgladh freagarrach a lorg dhan t-suidheachadh seo".

Tha an teaghlach aice ag ràdh ge-tà, nach eil e soilleir fhathast a bheil seo a' ciallachadh gum faigh Margo an taic a tha dhìth oirre gach là mar a b' àbhaist.