Obair air lìonra dealain Uibhist a Deas
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gum bi an obair deiseil sa Mhàirt
Bidh lìonra an dealain ann an Uibhist a Deas agus Barraigh nas treasa bhon Earrach agus SSE air loidhne ùr a chur suas.
Bidh pàirt dhen chàbal air pòlaichean, agus pàirt dheth fon talamh.
Cosgaidh an leasachadh cha mhòr £4m.
"Seasmhachd"
Tha 30 cilemeatair de loidhne a' tarraing dealain eadar dà cheann Uibhist a Deas.
Mar a tha cuisean an-dràsta, ma thèid an dealan dheth ann an aon àite bheir e buaidh air an sgìre gu lèir, mar a mhìnich Calum Eòsaph Mac a' Phì a tha na mhanaidsear aig SSE ann an Uibhist.
"Mar a bha e roimhe, nan tigeadh sian ceàrr air an loidhne bha e a' cur an dealain dheth bho Ghearraidh Sheilidh gu Barraigh 's bhiodh tu greis mus fhaigheadh tu air ais sineach - tha stèisean dealain ann am Barraigh, mus fhaigheadh tu sin a' dol agus backfeeds mar a chanas tu riutha - bheireadh e ùine mhòr."
"Ach leis an dàrna loidhne a-nis, ma thig sian ceàrr air aon tè, cumaidh an t' eile an dealan a' dol".
B' fheudar dhan chompanaidh uidheamachd shònraichte a thoirt a-steach airson na creagan mòra a bhriseadh .
"Chì thu a' bheinn a tha sin - tha tòrr cloiche ann 's bha i uabhasach doirbh a bhriseadh às - b' fheudar dhaibh uidheam eile fhaighinn 's drill speisealta oirre airson tuill a chur dhan chreig an toiseach mus fhaigheadh iad air a bhriseadh às - bha tòrr obrach anns a' phìos sin fhèin."
Tha dùil gum bi an obair air fad deiseil sa Mhàirt.