Ofgem gan dìon fhèin mu cheangal ùr dealain 'son Uibhist is Bharraigh

  • Air fhoillseachadh
CàballTùs an deilbh, SSEN
Fo-thiotal an deilbh,

Obair air càball ùr fon mhuir eadar an t-Eilean Sgitheanach is na Hearadh, às dèidh mar a bhris an càball a bh' ann.

Thuirt Ofgem nach eil iad an aghaidh ceangal ùr dealain a chur a dh' Uibhist, ged a dhiùlt iad tagradh a chuir SSEN thuca.

Bha SSEN, mar phàirt den ro-innleachd aca airson 2023-2028, airson dà chàball a chur eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist a Tuath is Uibhist a Deas, an àite a' chàbaill a th' ann. Chumadh iad seo dealan ri Barraigh cuideachd.

Thuirt SSEN gur e "briseadh-dùil mòr" a th' ann gun deach am plana a dhiùltadh.

Thog Comhairle nan Eilean Siar dragh mun chùis an t-seachdain seo.

Dh'innis iad gu bheil an càball a th' ann eadar an t-Eilean Sgitheanach is Uibhist 30 bliadhna a dh'aois is gu bheil cunnart ann gum bris e, mar a bhris an càball eadar an t-Eilean Sgitheanach is na Hearadh ann an 2020.

Fianais

Thuirt a' Chomhairle gu bheil seo a' togail ceist mu sheasmhachd an dealain an Uibhist is Barraigh, is dh'iarr iad air daoine anns na h-eileanan sgrìobhadh gu Ofgem.

Tha Ofgem a-nise air a bhith gan dìon fhèin.

Thuirt an riaghladair gu bheil e na phrìomhachas dhaibh dèanamh cinnteach gu bheil bun-structar cumhachd làidir aig eileanan na h-Alba.

Dh'innis iad nach eil iad air a' chùis 'son ceangal ùr a dh'Uibhist an àite an fhir a th' ann a dhiùltadh, ach gum feum molaidhean bho luchd-leasachaidh sealltainn gu bheil iad a' coileanadh nam feumalachdan a th' ann.

Thuirt iad gu bheil co-chomhairle mu bhun-structair na cumhachd ann an Uibhist a' leantainn is gun cuireadh iad fàilte air beachdan bhon choimhearsnachd.

Thig a' cho-chomhairle sin gu ceann Diardaoin.