Innealan cobhair èiginnich air fàire aig comann taigheadais an Inbhir Nis

Inneal Defibrillator agus uidheamachd chobhair falaTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Stèidhichidh Comann Taigheadais an Nationwide inneal defibrillator agus uidheamachd chobhair fala aig a' mheur aca ann an Inbhir Nis.

Tha a' chompanaidh am beachd an uidheamachd a chur an sàs aig roghainn de mheuran aca feadh na dùthcha.

Bidh innealan defibrillator gan cleachdadh airson cobhair èiginneach a dhèanamh air daoine a tha a' gabhail grèim cridhe, agus cleachdar uidheamachd chobhair fala airson daoine a tha a' call fala a shàbhaladh an dèidh leithid ionnsaigh sgeine.

Chuir iad a dh'iarraidh cead bho Chomhairle na Gàidhealtachd airson a' phlana, 's na h-uidheaman ri an stèidheachadh ann am preasan sònraichte.

"Tha Comann Taigheadais Nationwide fo ghealltanas taic a thoirt do na coimhearsnachdan a bhios iad a' frithealadh, le meuran air an suidheachadh aig cridhe àrd-shràidean air feadh na RA," thuirt iad ann am brath.

"Mar phàirt den ghealltanas seo a bhith a' cur ri maith na coimhearsnachd, tha iad am beachd uidheamachd sàbhalaidh bheatha a stèidheachadh ann an cuid de na meuran aca airson dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig daoine air cobhair èiginneach a là 's a dh'oidhche ge b' e càite a bheil feum air a leithid."