Siostam fòn an cois defibrillator ann an Seiseadar
- Air fhoillseachadh

Cuid de mhuinntir Sheiseadair a tha air an trèanadh air an defibrillator.
Tha baile sa Rubha ann an Leòdhas air siostam fòn èiginneach a stèidheachadh a bhios an cois defibrillator ùr sa sgìre.
Le a bhith a' cleachdadh na h-àireamh fòn 01851 808 404 's urrainn dha duine sa bhith ann an Seiseadar gairm èiginn a dhèanamh airson is gun tèid an defibrillator a thoirt thuca le cuideigin sa bhaile aig a bheil eòlas air mar a thèid a chleachdadh.
Chaidh an siostam a chur air dòigh le Comann Goireasan Sheiseadair.
Tha an defibrillator fhèin ceangailte ri balla air taobh a-muigh an t-seada choimhearsnachd agus fhuair deichnear sa bhaile trèanadh air mar a thèid a chleachdadh.
Trèanadh
Ma thèid fios a chur gu an àireamh fòn thèid a chur troimh gu an deichnear.
Thèid a' chiad neach dhan deichnear sin a fhreagras a' ghairm gu an neach ann an stàing leis an defibrillator.
Fhuair an comann an uidheamachd bhon chatharannas Lucky2BHere, a tha stèidhichte sna Eilean Sgitheanach.
'S iad Lucky2BHere a thug trèanadh dhan deichnear cuideachd.
Thàinig dàrna leth na cosgais airson an defibrillator agus an siostam fòn èiginneach bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig, a thug £885 seachad.
Chaidh an loidhne fòn a stèidheachadh san t-Samhain.