Àrdachadh san àireamh de luchd-tadhail aig Tèarmainn Nàdair

  • Air fhoillseachadh
Beinn Eighe sa GheamhradhTùs an deilbh, NatureScot
Fo-thiotal an deilbh,

Beinn Eighe sa Gheamhradh

Chunnaicear àrdachadh san àireamh dhaoine a thadhail air Tèarmainn Nàdair Nàiseanta na h-Alba sa Ghàidhealtachd air a' bhliadhna seo.

Sin am measg àrdachadh a thàinig air àireamhan luchd-tadhail aig làraichean air feadh na dùthcha.

Thuirt am buidheann a tha a' ruith nan tèarmann, Nàdair Alba, gu bheil tuairmse aca gum faca iad còrr is 1,000,000 neach sa bhliadhna 2020.

Bhathar ag amas gun do thadhail mu 650,000 neach air Teàrmainn Nàdair Nàiseanta na h-Alba san dùthaich sa 's na bliadhnaichean mu dheireadh. Ach am bliadhna, tha Nàdair Alba, ag ràdh gu bheil iad air àrdachadh mòr fhaicinn san àireamh sin le còrr is 1,000,000 neach a' tadhal.

Tlachd

Dh'adhbhraich an glasadh-sluaigh an t-àrdachadh an toiseach.

Ach tha am buidheann ag ràdh gu bheil àireamhan air fuireach àrd agus daoine a' faighinn tlachd bho nàdair agus a bhith a' cur seachad an cuid ùine a-muigh.

Tha am buidheann a' brosnachadh dhaoine tighinn a-mach chun nan làraichean aca thàiris air an t-seusan a tha romhainn agus iad ag ràdh gu bheil gu leòr sheallaidhean àlainn agus fiadh-bheatha ri fhaicinn air na Tèarmainn Nàdair Nàiseanta tron gheamhradh.

"Tha e air a bhith cho math daoine fhaicinn a-muigh a' faighinn toileachais bho na tèarmainn am bliadhna sa, ach tha sinn airson gun cuimhnich daoine a bhith gan dìon airson nan ginealaichean ri thighinn," thuirt àrd-oifigear Nàdair Alba, Francesca Osowska.

"Mar eisimpleir chan eil sinn airson gum bi daoine a' lasadh theintean no a bhith a' fàgail sgudail às an dèidh oir nì seo milleadh air planntraisean, craobhan agus air fiadh-bheatha," thuirt i.