Draghan mu aithisg ùr air caoraich Hiort

Tha eas-aonta ann mu dè an gnothach a bu chòir a bhith aig mac an duine a thaobh cùram chaorach Hiort
- Air fhoillseachadh
Tha dragh ann nach eil aithisg a rinneadh mu shlàinte nan caorach ann an Hiort a' cur ìmpidh gu leòr air Urras Nàiseanta na h-Alba, leis a bheil na h-eileanan, barrachd a dhèanamh airson sealltainn ri na beathaichean.
Fhuair an aithisg a rinn Coimisean na h-Alba airson Maith Bheathaichean gun robh na caoraich a' fulang, gu h-àraid thar a' gheamhraidh nuair a bhios na ceudan dhiubh a' bàsachadh leis an acras.
Tha tomhas ann gum bi trì cairteal de na h-uain ann an Hiort a' faighinn bàs mus ruig iad bliadhna de dh'aois.
Rinn aithisg a' choimisein sreath mholaidhean, nam measg na caoraich gu lèir a spadadh neo an toirt far nan eilean.
Mhol an coimisean gum bu chòir Pròiseact nan Caorach Hiortach measadh a dhèanamh air an treud gach bliadhna, agus ma tha beathach a' fulang aig àm sam bith gum bu chòir cur às dha san spot.

Tha Dàibhidh Buckland ag iarraidh gun gabh Urras Nàiseanta na h-Alba barrachd uallaich airson nan caorach
Ge-tà, tha bheat ann an Uibhist, a bh' air fear den fheadhainn a thog dragh mu shuidheachadh nan caorach sa chiad dol a-mach, ag iarraidh gun gabh Urras Nàiseanta na h-Alba barrachd uallaich airson sealltainn às an dèidh.
Tha Daibhidh Buckland a' ceasnachadh seasamh an urrais, a thuirt roimhe gu bheil beathaichean ann an staid "nàdarrach".
"Nan robh seo a' tachairt ann an Leòdhas, can, agus gun robh 2,000 caora air am fàgail air pìos talmhainn 670 heactair le feansa timcheall air, agus iad a' briodadh agus mòran aca a' bàsachadh, cha bhiodh am poball a' gabhail ris idir.
"Tha àrd-amasan nach beag aig Urras Nàiseanta na h-Alba airson Hiort. 'S ann an urra riuthsan mar a thèid dèiligeadh ris na caoraich," thuirt Mgr Buckland.
Tha dragh air Mgr Buckland cuideachd mu chuid den bhriathrachas san aithisg a tha a' cumail a-mach gu bheil na caoraich a' tighinn beò a rèir na h-àrainn an Hiort, gu bheil iad 'naturalised' ann.
'S e a bheachd-san gu bheil na beathaichean an urra ri daoine leis gur e mac an duine a thug ann iad.
Draghan às ùr mu chaoraich Hiort
- Air fhoillseachadh5 An t-Ògmhios
Chan eil suidheachadh nan caorach Hiortach "reusanta" a rèir BhPA
- Air fhoillseachadh8 An t-Iuchar
Caoraich Hiortach "fiadhaich" a rèir Riaghaltas na h-Alba
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach
'S e cnag na cùise agus na adhbhar deasbaid an iad beathaichean fiadhaich a bu chòir a bhith air am fàgail gun mac an duine gnothach a gabhail riutha, neo an iad beathaichean a dh'fheumar dìon a bharrachd.
A' bruidhinn nuair a rinn Eòrpa prògram mu na caoraich san t-Sultain 2025, ghabh an t-Urras Nàiseanta "gu bheil na beathaichean seo fiadhaich".
Aig an aon àm, thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad a' gabhail ris a' bhreithneachadh "gur e creutairean fiadhaich a th' annta air sàilleibh mar a tha iad tro eachdraidh air tighinn beò fad ghinealaichean gun chìobaireachd".
Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba gun robh iad a' meòrachadh air molaidhean a' choimisein, agus gum biodh na planaichean aca airson caoraich Hiort deiseil ro dheireadh na bliadhna.
Fhuair BBC Naidheachdan fios bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil Coimisean na h-Alba airson Maith Bheathaichean gu bhith a' coinneachadh Dimàirt, agus gum bu chòir gum faigh sinn freagairt an dèidh sin.
Le turchartas, bidh Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar a' sgrùdadh aithisg a' choimisein Dimàirt, ged nach eil i air moladh gum bu choir don ùghdarras ionadail gnothach a ghabhail ri caoraich Hiort.