Barrachd ùine beachd a nochdadh mu chìs-turasachd air a' Ghàidhealtachd

Tòrr mòr chàraichean air am pairceadh aig làrach turaschd air an tuathTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha barrachd is barrachd dhaoine a' tighinn dhan Ghàidhealtachd agus a' cur uallaich air goireasan agus seirbheis a rèir an ùghdarrais ionadail

  • Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil an co-chomhairleachadh poblach mu na molaidhean aca airson cìs-turasachd san sgìre gu bhith a' leantainn beagan nas fhaide chun an 10mh den Dùbhlachd.

Tha seo an dèidh mar a dh'fhoillsich an t-ùghdarras ionadail Measadh Buaidh Eaconomaich (EIA) airson a' phlana.

'S iad a' bhuidheann Institiud Fraser of Allander a rinn e.

Bha cuid air draghan a thogail nach biodh cothrom ceart aca am measadh a leughadh mus dùineadh a' cho-chomhairle.

Bidh comhairlichean a' beachdachadh air an sgeama a thathar a' cur air adhart san Fhaoilleach 2027.

Thathar a' moladh chìsean dìreach seach ceudad prìse (%) airson àitichean-còmhnaidh:

  • cìs £5 air gach seòmar/làrach gach oidhche ann an taighean-òsta, taighean-aoigheachd, seòmraichean ann an taighean agus àitichean-còmhnaidh air màl ghoirid

  • cìs £2 air gach seòmar/làrach gach oidhche airson ostailean agus làraichean-campachaidh

Chan eil adhbhar laghail an EIA a bhith mar phàirt den phròiseas fom bi daoine a' toirt seachad am beachdan mun chìs, ach tha a' chomhairle ag aithneachadh gur dòcha gum b' fheàrr le cuid an fhianais seo a bhith aca.

Thuirt Neach-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban: "Tha e (an EIA) a' comharrachadh sreath bhuannachdan a dh'fhaodadh a bhith ann, buaidh na cìse agus rudan eile air am feumar beachdachadh an cois sgeama na cìse turasachd.

"Tha a' Ghàidhealtachd an-diugh air fear de na h-àitichean as aithnichte agus as tarraingiche san t-saoghal do luchd-turais.

"Ge-tà, mar as motha a thig daoine 's ann as duilghe a tha e do sheirbheisean poblach air am bi an dà chuid luchd-còmhnaidh agus luchd-tadhail a' crochadh ann an tè de na sgìrean comhairle as motha san Roinn Eòrpa."

Tha Mgr Lobban ag ràdh nach deach co-dhùnadh a dhèanamh agus gum biodh cothrom aig na 73 buill meòrachadh air freagairtean a' chonaltraidh phoblaich mus dèan iad deasbad air am bu chòir a' chìs a stèidheachadh.

Gheibhear a' cho-chomhairle agus Measadh Buaidh Eaconomaich Institiud Fraser of Allander an seo, taobh a-muigh.