Aonadh a' fàgail air CMAL gu bheil iad "ri sabotais" air Gàrradh MhicFhearghais

Fhuair Gàrradh MhicFhearghais gealltanas air aiseagan ùra a thogail do Chaolas Bharraigh is Caolas na Hearadh, ged nach deach an dearbhadh fhathast
- Air fhoillseachadh
Dh'fhàg aonadh an GMB air CMAL gu bheil iad a' feuchainn ri "sabotais" a dhèanamh air Gàrradh MhicFhearghais air Chluaidh.
Tha an t-aonadh ag ràdh gun do rinn àrd-oifigear CMAL cron air cliù a' ghàrraidh a dh'aona-ghnothach nuair a thuirt e nach bu chòir cùmhnantan 'son aiseagan ùra a thogail a thoirt dhaibh.
Ann an litir gu Rùnaire na Còmhdhail Stephen Flynn, tha an GMB ag ràdh gum bu chòir do mhinistearan beachdachadh air Caoimhin Hobbs is buill eile de bhòrd CMAL a chur às an dreuchdan.
Tha CMAL ag ràdh nach eil dad eile acasan ri ràdh mun t-suidheachadh.

Chuir Mgr Hobbs an ceòl air feadh na fìdhle is e a' bruidhinn ri buill Comataidh Còmhdhail Pàrlamaid na h-Alba Diciadain seo chaidh.
Thuirt e gun robh e "100%" an aghaidh cùmhnantan a thoirt gu dìreach gu Gàrradh MhicFhearghais is nach biodh e idir ceart air coimhearsnachdan eileanach sin a dhèanamh.
Thog Mgr Hobbs air an dàil fhada is cosgaisean mòra air aiseagan eile a thog Gàrradh MhicFhearghais anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Dh'innnis e gun do sgrìobh CMAL gu Riaghaltas na h-Alba san Dàmhair a ràdh gum biodh droch bhuaidh air coimhearsnachdan eileanach an cois seo fada nas motha na buannachd a dh'fhaodadh a bhith ann do choimhearsnachd Inbhir Chluaidh.
Thuirt e gum biodh e na bu luaithe is na bu shaoire cùmhnantan a chur a-mach gu tairgse is cothrom a thoirt do ghàrraidhean san Roinn Eòrpa.
Cùmhnant airson LOTI ùr gus a dhol a-mach gu tairgse
- Air fhoillseachadh3 Am Màrt
Riaghaltas na h-Alba "misneachail" gun gabh cùmhnant aiseig a thoirt seachad gun fharpais
- Air fhoillseachadh4 Am Màrt
Dh'innis Riaghaltas na h-Alba sa Mhàrt gun rachadh cùmhnantan airson ceithir bàtaichean ùra a thogail gu dìreach do Ghàrradh MhicFhearghais.
Nam measg bhiodh aiseagan beaga ùra 'son a dhol air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh.
Thuirt cathraiche comataidh na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, aig an àm gun robh eachdraidh Ghàrradh MhicFhearghais na h-adhbhar dragh.
"Dh'fheumamaid a bhith gu math, gu math cinnteach gun robh na comasan aig a' ghàrradh na h-aiseagan seo a thogail," thuirt e.
Cha tàinig dearbhadh air na cùmhnantan fhathast is an riaghaltas ag ràdh gum feum iad pròiseasan foirmeil a leantainn airson dèanamh cinnteach gu bheil an gnothach a rèir riaghailtean a thaobh shubsadaidhean is taic stàite.
Ceistean air CnES mu chùmhnantan aiseig
- Air fhoillseachadh4 Am Màrt
Fuasgladh ri lorg fhathast 'son aiseagan ùra do Chaolas na Hearadh is Caolas Bharraigh
- Air fhoillseachadh30 An t-Sultain
Bha an GMB roimhe air a bhith ag iomairt gum faigheadh Gàrradh MhicFhearghais an cùmhnant airson an Lord of the Isles ùr a thogail.
Bha iad a' cumail a-mach gun robh e deatamach gur e an gàrradh a gheibheadh an cùmhnant gus an goireas a chumail fosgailte is dreuchdan an luchd-obrach a ghlèidheadh.
Aig an dearbh àm bha luchd-iomairt ann an Uibhist ag ràdh gum feumadh pròiseas tairgse àbhaisteach a bhith ann - an co-dhùnadh dhan tàinig an riaghaltas air a' cheann thall.
Ged a rinn an GMB toileachas ris an naidheachd an uairsin gum faigheadh Gàrradh MhicFhearghais cùmhnantan nan aiseagan beaga, tha iad air draghan a thogail bhon uairsin nach deach dad a dhearbhadh.
An cùmhnant samhlachail a theab lìonra nan aiseagan a chur fodha
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
Eileanaich a' cur fàilte air an Glen Sannox ach teagamhan ann fhathast
- Air fhoillseachadh13 Am Faoilleach 2025
'S ann a tha an caothach dearg orra a-nise mu na thuirt Caoimhin Hobbs aig Holyrood.
Thuirt rùnaire Albannach an aonaidh, Rhea Wolfson, gun robh Mgr Hobbs a dh'aona-ghnothach airson cur às dhan ghealltanas a fhuair Gàrradh MhicFhearghais air na cùmhnantan.
Thuirt i cuideachd gun robh pàirt aig CMAL fhèin sna cùmhnantan 'son an Glen Sannox is an Glen Rosa a chaidh gu Gàrradh MhicFhearghais "is a chaidh fada ceàrr".
Thuirt Ms Wolfson gun do thog Gàrradh MhicFhearghais an treas cuid de chabhlach ChalMac agus gu bheil an luchd-obrach airidh air cothrom eile gus na duilgheadasan leis an MV Glen Sannox is MV Glen Rosa a chur air an cùlaibh.
Riaghaltas na h-Alba a' coimhead air buidhnean aiseig a chur còmhla
- Air fhoillseachadh2 An t-Sultain
Riaghaltas "fosgailte" ri sùil às ùr air structar riaghlaidh nan aiseagan
- Air fhoillseachadh7 An Dàmhair 2025
San litir aice gu Mgr Flynn thuirt i: "Le taic bòrd CMAL, rinn e (Hobbs) cron air cliù a' ghàrraidh is rinn e sabotais air a' chothrom aca air barrachd obrach fhaighinn
"Tha eagal orm nach eil e na iongnadh leis gun tuirt cathraiche CMAL Mòrag NicNèill uair, mar a chaidh innse dhuinne, do bhuill a' bhùird nach togadh Gàrradh MhicFhearghais aiseag eile do ChalMac cho fada 's a beò i."
Thuirt Ms Wolfson gu bheil CMAL a' sìor a dhol na buidheann "a tha fad às is nach eil cunntachail" is nach robh e "na caraid dha na h-eileanaich no luchd-togail bhàtaichean againn".
Thuirt i nach b' urrainn do phlanaichean gus CMAL is CalMac a chur còmhla "tachairt luath gu leòr".
Ann am brath thuirt CMAL gun robh iad air tòrr fiosrachaidh a thoirt seachad do bhuill aig Holyrood an t-seachdain seo chaidh is nach eil dad eile aca ri ràdh aig an ìre seo.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin, thuirt Ùisdean Robasdan gu bheil e a' tuigsinn gur e obair aonaidh a bhith a' cur dìon air luchd-obrach ach gu bheil dragh air gu bheil cuid a' dìochuimhneachadh cò dha a tha aiseagan.
"An lùib a' chòmhraidh a th' ann chan eil mi a' cluinntinn dad mun bhuaidh a tha a' tighinn air na h-eileanan.
"Tha sinne air a bhith a' fulang a-nise airson deich bliadhna agus tha fios aig a h-uile duine an staing a th' againn an-dràsta air Caolas Bharraigh is Caolas na Hearadh.
"An aon rud a tha a dhìth oirnn, ge bi cò às a thig iad (na h-aiseagan ùra), gun tig iad ann an cabhag - sin am beachd a tha mise a' faighinn bho eileanaich.
"Tha mi gu math tàmailteach cho beag diù 's a thathar a' gabhail mar a tha na h-àitichean seo air fulang is tha an t-àm aige sin stad.
"Nam biodh fios againn gun robh an cùmhnant seo a' dol a-mach cho sgiobalta 's a ghabhadh, bheireadh e misneachd air choireigin dhuinn gun atharraicheadh rudan ann am beagan bhliadhnaichean".
Dìon
Chuir an Comh Robasdan dìon cuideachd air Caoimhin Hobbs.
Thuirt e gu bheil fios aige gu bheil buidhnean às na h-eileanan air sgrìobhadh gu Mgr Hobbs anns na seachdainean mu dheireadh gus taing a thoirt dha "'son a bhith a' seasamh suas 'son còraichean nan eilean".
"Tha e furasta dhomhsa faighinn gu bruidhinn ri Caoimhin Hobbs is tha e air a bhith furasta fhaighinn a-mach dha na h-eileanan gu coinneamhan.
"Bhithinn fada fada an aghaidh a chur a-mach às a dhreuchd.
"Chan eil dad againn an aghaidh an gàrradh an obair seo fhaighinn ach feumaidh sinn misneachd a bhith againn gun dèan iad e cho sgiobalta 's a dhèanadh gàrradh ann an àite sam bith eile."