Naidheachdan 11:00m
Gàrradh MhicFhearghais
Tha aonadh GMB an luchd-obrach aig Gàrradh MhicFhearghais a' fàgail air CMAL, a tha a' fastadh nam bataichean-aiseig, gu bheil iad a' cur na companaidh ann an cunnart. Thuirt an GMB gur ann a dh'aona-ghnothach a rinn ceannard CMAL, Kevin Hobbs, cron air cliù a' ghàrraidh nuair a thuirt esan nach bu chòir Ferguson Marine an còrr chùmhantan fhaighinn airson bàtaichean a thogail do ChalMac. Ann an litir gu Rùnaire na Còmhdhail, Stephen Flynn, thuirt an GMB gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air dreuchd Mhgr Hobbs agus air buill eile air bòrd CMAL.
Coimiseanair Slàinte Euslainteach na h-Alba
Thuirt Comiseanair Slàinte Euslainteach na h-Alba gu bheil siostam leasachaidh cùraim briste air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Karen Titchener nach eil dad de dh'atharrachadh a' tighinn à iomadh sgrùdadh is rannsachadh air fàiligidhean anns an NHS oir tha laigse bhunaiteach ann leis nach eil duine aig a bheil cumhachd molaidhean a chur an gnìomh. Agus thuirt i gu bheil dragh oirre gum bi ath-sgrùdadh neo-eisimeileach mu Infiormaraidh Rìoghail Obar Dheathain an crochadh air co-obrachadh leis nach bi cumhachd aige toirt air daoine fianais a thoirt seachad.
Babcock
Thug Ministearachd an Dìon cùmhnant luach £8bn do Babcock airson sealltainn ri bàtaichean-aiginn niùclasach Bhreatainn. Cruthaichidh sin 900 cosnadh ùr aig Faslane air Chluaidh. Thuirt am Prìomhaire, Andy Burnham, gun cuir sin ri tèarainteachd na dùthcha agus ris an eaconomaidh.
Imreachas
Bha lùghdachadh 77,000 ann an imreachas gu lèir na Rìoghachd Aonaichte air a' bhliadhna dhan Ògmhios. Sin an àireamh as lugha bho 1997 a bharrachd air àm a' phandemic. 'S e àireamh nas lugha dhaoine a' tighinn dhan Rìoghachd Aonaichte bho thaobh a muigh na h-Eòrpa as motha a thug buaidh air na figearan.
Oilthigh Dhùn Èideann
Sgrìobh an t-Ollamh Dòmhnall Meek gu Oilthigh Dhùn Èideann le dragh mun cho-dhùnadh cur às do chùrsaichean urraim singilte ann an Ceiltis agus Eitn-eòlas na h-Alba an ath-bhliadhna. A bharrachd air an Ollamh Meek chuir 1,000 acadaimeagach eile agus oileanach an ainm ri litir fhosgailte a' cur an aghaidh seo. Thuirt Prionnsabal Oilthigh Dhùn Èideann, An t-Oll Sir Peter Mathieson, gu bheil teagasg eachdraidh agus cultar na h-Alba aig meadhan an lèirsinn.