Dòchas air buannachdan mòra do dh'Uibhist à cùmhnant ùr QinetiQ

- Air fhoillseachadh
Tha dòchas ann gum bi buannachdan mòra ann do Raon nan Rocaidean ann an Uibhist a Deas le deuchainnean gu bith gan dèanamh air teicneolas ùr mar urchairean hypersonic.
Chuir Ministear Deiseileachd Dìon agus Gnìomhachas aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Luke Pollard, ainm ri cùmhnant luach nam milleanan notaichean leis a' chompanaidh QinetiQ 's e a' tadhail air Raon nan Rocaidean.
'S e Pròiseact Safari a tha air an iomairt aig an MOD is QinetiQ.
Fon chùmhnant, thèid deuchainnean a dhèanamh air teicneòlasan leithid urchairean hypersonic, armachd lùths stiùirte agus siostaman fèin-stiùirte, a chum an leasachadh 's a lìbhrigeadh nas luaithe na riamh roimhe.
Thuirt an Riaghaltas gu bheil bacaidhean air a bhith ro chompanaidhean na beachdan agus teicneòlas aca a chur fo dheuchainn ann an suidheachaidhean da-rìribh, ri linn leithid biurocrasaidh seann-fhasanta a tha a' toirt orra cead fhaighinn aig grunn ìrean eadar-dhealaichte.
'S e an t-amas aig a' phròiseact ùr dòigh nas fhasa a thoirt dhaibh teicneòlas armachd a leasachadh.
Chuir an comhairliche Uibhisteach, Ùisdean Robasdan, fàilte mhòr air a' chùmhnant 's e an dùil gun tig airgead mòr às an leasachadh do dh'eaconomaidh na sgìre.
"Tha na tha mi air fhaicinn chun na h-ìre seo a' toirt misneachd dhomh gun tachair sin, agus aig an àm seo tha sinn gu math feumach air obraichean sam bith a bharrachd a gheibh sinn ann an Uibhist fhèin," thuirt e.
Call cosnaidh eile aig Raon nan Rocaidean
- Air fhoillseachadh21 An Dùbhlachd 2017
Dearbhadh mu chall chosnaidhean an Uibhist
- Air fhoillseachadh18 An Dùbhlachd 2017
Moladh air Raon nan Rocaidean
- Air fhoillseachadh16 An t-Samhain 2017
"Tha an saoghal mar a tha e an-dràsta gu math cugallach 's tha an eaconomaidh gu math slaodach.
"Tha e a' toirt obraichean do dhaoine òga, tha e a' toirt sgilean a bharrachd dhaibh 's tha e a' cumail teaghlaichean san sgìre.
"Tha e gu math feumail ma thèid leasachaidhean mar seo air adhart agus ma bheir e misneachadh dhuinn gu bheil na h-obraichean seo a' dol a chumail a' dol 'son iomadach bliadhna ri thighinn."
Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun ceadaich am pròiseact ùr companaidhean ùra a bhith a' dol an sàs, a dh'fhàgas e nas fhasa armachd ùr a leasachadh.
"Tha fhios againn gu bheil cion chothroman air goireasan deuchainn agus measaidh air a bhith a' cumail ghnothachasan nas lugha agus chompanaidhean ùra air ais bho bhith ag obair ann an dìon," thuirt Ministear Deiseileachd Dìon agus Gnìomhachas, Luke Pollard.
"Le bhith ag obair ann an co-bhann le QinetiQ, tha sinn a' fuasgladh ùr-ghnàthachaidh Bhreatannaich le bhith a' leasachadh, a' feuchainn agus a' lìbhrigeadh chomasan armaichte aig astar dhan RA agus ar caraidean."