Moladh air Raon nan Rocaidean
- Air fhoillseachadh

Rinn feadhainn a bha an sàs ann an eacarsaich cogaidh eadar-nàiseanta moladh mòr air na goireasan aig Raon nan Rocaidean ann an Uibhist.
Tha QinetiQ a' ruith an ionaid às leth Ministrealachd an Dìon.
Bha riochdairean bho ochd dùthchannan NATO an lùib iomairt 'Formidable Shield'.
Rinn iad deuchainnean air urchraichean air tìr, aig muir, agus sna speuran.

Chuir iad rocaid dha na speuran a ràinig àirde de 320km, nas àirde na dad sam bith eile a chaidh dhan na speuran bhon Rìoghachd Aonaichte a-riamh.
Chaidh an rocaid a losgadh far chosta Bheinn nam Fadhla agus chaidh a lorg le uidheamachd ràdar ùr.
Thadhail am Morair Howe, Ministear na Stàite airson Dìon, air Raon nan Rocaidean fhad 's a bha an iomairt a' dol.
"'S e seo tè de na làraichean as adhartaiche dha leithid a th' ann agus tha sin riantanach airson iomairtean mar seo", thuirt am Morair Howe.

"Tha an MOD is QinetiQ air £60m a chosg air a' ghoireas anns na mìosan mu dheireadh, is cumaidh sin an raon aig fìor àrd-ìre airson deuchainnean, trèanadh is ullachadh", thuirt e.
Rinn cuid de na riochdairean eadar-nàiseanta moladh air na goireasan cuideachd.
"Tha cothrom againn an seo na deuchainnean a dhèanamh air tìr, aig muir agus anns na speuran", thuirt an Caiptean Jonathan Lipps bho Nèibhidh nan Stàitean Aonaichte.
"Chan eil ann ach fìor chorra àite san t-saoghal far am b' urrainn dhuinn seo a dhèanamh, ach tha an cothrom ann an seo a dhèanamh gu sàbhailte is leasanan ionnsachadh", thuirt e.
Chìthear barrachd mu 'Formidable Shield' an seo, taobh a-muigh.
Còirichean uile glèidhte.