Ghlèidh tagraiche an SNP Inbhir Nis is Inbhir Narann

Emma Roddick a rinn a' chùis don SNP ann an roinn Inbhir Nis is Inbhir Narann
  • Air fhoillseachadh

Tha Emma Roddick air a' chùis a dhèanamh don SNP ann an roinn-phàrlamaid Inbhir Nis is Inbhir Narann ga toirt bho sheann bhall a' phartaidh aice, Fearghas Ewing.

Dh'fhàg Mgr Ewing an SNP san Ògmhios an-uiridh agus thuirt e gun seasadh e mar neo-eisimeileach.

Ann an 2021 bha mòr-chuid faisg air 10,000 aige.

Ge-tà, chrìochnaich e san treas àite air cùl an tagraiche Lib Deamaich Niall Alexander.

An turas seo, cha robh ach 427 bhòtaichean eadar Mgr Alexander agus Ms Roddick.

'S e an ath-sheisean den phàrlamaid a' chiad fhear far nach bi ball den teaghlach Ewing on chaidh a stèidheachadh às ùr ann an 1999.

Bocsa le toradh an taghaidh ann an Inbhir Nis is Inbhir Narann