Naidheachdan 11:00m

Hantavirus

Tha oifigich slàinte bho ghrunn dhùthchannan, an Rìoghachd Aonaichte nam measg, a' feuchainn ri lorg fhaighinn air luchd-siubhail a bh' air bòrd soithich-crùs agus a thàinig far an t-soithich mus deach a dhearbhadh gun robh an hantavirus orra. Tha Buidheann Tèarainteachd Slàinte na Rìoghachd Aonaichte air innse gu bheil dithis gan cumail fhèin fa leth san dùthaich agus iadsan mar phàirt de bhuidhinn de 40 duine a thàinig air tìr air St Helena. Tha na h-ùghdarrasan ag ràdh gu bheil glè bheag de chunnart ann do shluagh na dùthcha seo.

Cogadh Iran

Tha an Ceann-Suidhe Trump ag ràdh gu bheil Iran deònach aonta a ruighinn gus an cogadh eatorra a thoirt gu crìch 's oifigich ann an Tehran an-dràsta a' cnuasachadh air na molaidhean as ùire o na Stàitean Aonaichte. Tha an cogadh fhathast ag adhbharachadh troimhe-chèile eaconomaigich leis gu bheil an Caolas Hormuz dùinte fhathast.

Prothaidean Shell

Tha a' chompanaidh cumhachd Shell air innse gu bheil iad air barrachd phrothaidean a dhèanamh sa chiad chairteal den bhliadhna agus a bha iad air tomhas. Tha seo a' tighinn às dèidh mar a thàinig àrdachadh mòr air prìsean ola agus gas t-sàillibh a' chogaidh anns an Ear-Mheadhanach. Tha iad a' dèanamh tuairmse gun robh an teachd a-steach aca beagan a bharrachd air £5bn, àrdachadh 24% a tha sin an taca ris an-uiridh.

An Taghadh

Tha am bhòtadh a-nis a' dol airson nan taghaidhean gu Pàrlamaid na h-Alba. Tha taghaidhean gan cumail cuideachd an-diugh son Pàrlamaid na Cuimrigh agus airson cuid de chomhairlean an Sasainn. Tha na h-ionadan-bhòtaidh gu bhith fosgailte gu 10:00f a-nochd fhathast, ach chan eil cunntadh na bhòt gu bhith a' tòiseachdainn an seo an Alba gu 09:00m madainn a-màireach.

Mohamed Al Fayed

The oifigear ann am Poileas a' Mhet agus ceathrar eile a b' àbhaist a bhith nan oifigearan fo rannsachadh gun robh iad ma dh'fhaoidhte ri mi-ghiùlain anns an dòigh san do dhèilig iad ri gearanan de dh'ionnsaighean feiseil aig làmhan Mohamed Al Fayed. Dh'eug seann cheannard Harrods ann an 2023 's gun e air a dhol fo chasaid. Tha na ceudan de bhoireannaich air fhàgail air bhon uairsin gun robh iad air èigneachadh agus ionnsaighean feiseil fhuiling bhuaithe. Thuirt Poileas a' Mhet gu bheil iad a' toirt taic don rannsachadh a tha a' dol.