Uisge-beatha a' cur £7.1bn ris an eaconomaidh

- Air fhoillseachadh
Chuir gnìomhachas uisge-bheatha na h-Alba £7.1bn ri eaconomaidh na RA ann an 2022, a rèir aithisg ùir.
'S iad Comann an Uisge-bheatha Albannaich a rinn an rannsachadh, 's iad ag ràdh gu bheil an gnìomhachas luach £5.3bn do dh'Alba a-mhàin.
A rèir na h-aithisg, 's e roinn a' chumhachd a-mhàin a tha a' cruthachadh barrachd saibhreis an Alba, a' toirt a-steach chumhachd ath-nuadhachail.
Rinn uisge-beatha suas 77% de dh'às-mhalairt bìdh is dibhe na h-Alba - 26% de dh'às-mhalairt bìdh is dibhe na Rìoghachd Aonaichte gu lèir.
Tha an gnìomhachas a' cumail cosnaidh ri 66,000 duine uile gu lèir, le 41,000 dhiubh sin an Alba.
A dh'aindeoin sin, tha an gnìomhachas a' toirt rabhaidh gu bheil grunn dùbhlan mun coinneimh, ged a tha rùm ann airson an tuilleadh leudachaidh.
Am measg nan dùbhlan, tha an gnìomhachas a' gearain air an ìre as àirde cìse san G7, dìth in-ionmhais air bun-structair na h-Alba, agus aontaidhean-malairt - leithid fear leis na h-Ìnnseachan - nach eil ullamh fhathast.
Dh'aithnich gach cuid Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA cho cudromach 's a tha an gnìomhachas, agus thuirt iad gun leanadh iad orra a' toirt taic dha.