Cnap-starra "eitigeil" ro oidhirp obair-ealain a cheannach

- Air fhoillseachadh
Tha iomairt Taigh-Tasgaidh Inbhir Ghòrdain airgead a thogail airson ìomhaigh shnaidhte bhon 18mh Linn a cheannach bho Chomhairle na Gàidhealtachd air buille fhulang.
Tha iad a' feuchainn ri £3.1m a thional airson sealbh fhaighin air ìomhaigh-bràghad marmoir den uachdaran Ghàidhealach Sir Iain Gòrdan a rinn an neach-ealain Frangach Edmé Bouchardon.
Thathar a' tuigsinn gun deach beagan mhìosan a thoirt do Thaigh-tasgaidh Cabhlaich agus Ionad Dualchais Inbhir Ghòrdain a' phrìs a tha luchd-rùpa a' moladh a phàigheadh.
Chaidh urrasairean an taigh-tasgaidh gu Stòras Cuimhneachaidh agus Stòras Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta ach chaidh an tagradh aca a dhiùltadh.
Thuirt an luchd-maoineachaidh riutha nach urrainn dhaibh grantaichean a thoirt dhaibh agus "draghan eitigeil" orra mu bhith "a' cleachdadh taic-airgid phoblaich airson nithean ann an cruinneachadh poblach a reic gu coimeirsealta".
Tha an taigh-tasgaidh ag ràdh nach eil an reic coimeirsealta den ìomhaigh-bhràghad "eitigeil", agus dh'iarr iad gun tèid Riaghaltas na h-Alba an sàs sa ghnothach.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun do lean iad pròiseasan laghail, agus gum biodh airgead sam bith a dhèanadh iad bho bhith a' reic na h-ìomhaigh air a chleachdadh a chùm maith na coimhearsnachd ann an Inbhir Ghòrdain.
"Tairgse cheart" 'son ìomhaigh-bràghad mharmoir aig comhairle luach £3.1m
- Air fhoillseachadh30 An Giblean
Casg rè ùine air bust Bouchardon a chur às an Rìoghachd Aonaichte
- Air fhoillseachadh9 Am Faoilleach
B' e fear-poileataigs Albannach a bh' ann an Sir Iain Gòrdain Inbhir Ghòrdain, a bha na bhall-pàrlamaid.
Ghabh e thairis bho athair mar BhP airson Crombaigh agus chaidh e na Rùnaire airson Chùisean Albannach dha Frederick, Prionnsa na Cuimrigh, anns na 1740an.
B' e an teaghlach aige a stèidhich baile Inbhir Ghòrdain
Bha Sir Iain na dhuine òg air turas san Roinn Eòrpa nuair a choinnich e ris an neach-ealain chliùteach Edmé Bouchardon san Ròimh ann an 1728 far an deach an ìomhaigh a dhèanamh.
Cheannaich Comhairle Baile Inbhir Ghòrdain an ìomhaigh dheth airson £5 ann an 1930, ach chaidh a chur air falbh agus a stòradh aig raon gnìomhachais agus cha robh càil a dhùil gun robh e cho luachmhor gu bho chionn beagan bhliadhnaichean.