GMB a' sireadh soillearachaidh air dà aiseag ùr dha na h-Eileanan an Iar

Tha obair a' leantainn air an Glen Rosa aig Gàrradh MhicFhearghais ach tha ceist ann mu chùmhnantan san àm ri teachd
- Air fhoillseachadh
Dh'iarr aonadh an GMB air Riaghaltas na h-Alba cùmhnantan a gheall iad do Ghàrradh MhicFhearghais air Chluaidh a dhearbhadh - obair 'son dà bhàt-aiseig ùr a thogail dha na h-Eileanan an Iar nam measg.
Dh'innis an riaghaltas sa Mhàrt gun rachadh cùmhnantan airson ceithir bàtaichean ùra a thogail a thoirt seachad gu dìreach dhan ghàrradh.
Nam measg bhiodh aiseagan beaga ùra 'son a dhol air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh.
A thuilleadh orrasan, gheall an riaghaltas cùmhnantan dha Gàrradh MhicFhearghais airson soitheach rannsachaidh mara is soitheach dìon mara a thogail.
A' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear aig an àm, Ceit Fhoirbeis, gum fosgladh na ceithir cùmhnantan cothrom air taic-airgid £14.2m gus Gàrradh MhicFhearghais ùrachadh.
"'S e fìor dheagh naidheachd a tha seo do Ghàrradh MhicFhearghais, coimhearsnachdan eileanach agus Inbhir Chluaidh," thuirt i.
An cùmhnant samhlachail a theab lìonra nan aiseagan a chur fodha
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
LOTI ùr: Feum air "pròiseas cothromach, laghail is earbsach"
- Air fhoillseachadh15 An t-Sultain 2025
"Feumaidh an LOTI ùr a thogail aig Gàrradh MhicFhearghais"
- Air fhoillseachadh15 An t-Sultain 2025
Bha iomairt air a bhith aig an GMB roimhe airson is gun rachadh cùmhnant airson an Lord of the Isles ùr a thogail a thoirt gu dìreach do Ghàrradh MhicFhearghais.
Bha iad a' cumail a-mach gun robh seo deatamach gus an gàrradh a chumail fosgailte is dreuchdan an luchd-obrach a ghlèidheadh.
Dh'adhbhraich e na h-uimhir de chonnspaid ann an Uibhist ge-tà, far an robh beachd làidir ann gum bu chòir dhan chùmhnant a dhol a-mach gu tairgse.
Air a' cheann thall 's e sin an co-dhùnadh dhan tàinig an riaghaltas, rud a dhearbh iad aig an aon am 's a gheall iad na cùmhnantan eile do Ghàrradh MhicFheargais.
'S ann a tha an GMB a-nise ag ràdh gu bheil feum air an obair sin a dhearbhadh san aithghearrachd airson suidheachadh Ghàrradh MhicFhearghais a chur air stèidh nas cinntiche.
Tha an t-aonadh ag ràdh, às aonais cinnt, gu bheil an gàrradh ann an cunnart luchd-obrach a chall.
Thuirt iad fiù 's ged a thig dearbhadh an-diugh, nach tòiseachadh obair 'son bliadhna.
Cabhag
"Rinn ministearan fuaim gu leòr sa Mhàrt ron taghadh a thaobh taic do Ghàrradh MhicFhearghais," thuirt rùnaire an GMB, Louise Gilmour.
"Tha seachdainean is mìosan a' dol seachad a-nise is tha e coltach nach eil adhartas ann.
"Chan eil ùine aig Gàrradh MhicFhearghais. Tha e feumach air obair an-dràsta."
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum feum iad pròiseasan foirmeil a leantainn airson dèanamh cinnteach gu bheil na cùmhnantan a rèir riaghailtean a thaobh shubsadaidhean is taic stàite.
Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba: "Fhad 's a tha Gàrradh MhicFhearghais ag obair gus crìoch a chur air an Glen Rosa, tha Riaghaltas na h-Alba ag obair aig astar gus na ceuman deatamach a ghabhail gus na ceithir cùmhnantan seo a thoirt dhan ghàrradh.
"Bhiodh luchd-pàighidh nan cìsean an dùil gum biodh na measaidhean aig ìre gu math àrd airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn air slighe a tha làidir, seasmhach is taobh a-staigh an lagh.
"Tha sinn ag obair gu dlùth le Gàrradh MhicFhearghais is cumaidh sinn fios ri Pàrlamaid na h-Alba fhad 's a tha sinn a' dol air adhart."
Cùmhnant airson LOTI ùr gus a dhol a-mach gu tairgse
- Air fhoillseachadh3 Am Màrt
"Bacadh" air Gàrradh MhicFhearghais tairgsinn 'son an LOTI ùr a thogail
- Air fhoillseachadh24 An Giblean
CMAL "a' leantainn a' phròiseis àbhaistich" 'son soitheachan Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh
- Air fhoillseachadh1 An t-Ògmhios
Bha ceist air nochdadh mu na cùmhnantan sa Chèitean nuair a thuirt CMAL gun robh iad a' leantainn a' phròiseis àbhaistich aca airson an dà shoitheach ùr airson slighean Caolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh.
Dh'innis riochdaire bho CMAL do BBC Naidheachdan aig coinneimh co-comhairlichidh sna Hearadh: "Chan eil e an urra rinne cùmhnant a thoirt gu dìreach do ghàrradh-togail sam bith, mar sin leanaidh sinne pròiseas-tairgse làidir a rèir laghan-tairgse na h-Alba."
Thuirt Còmhdail Alba aig an àm: "Tha Ministearan na h-Alba air a bhith soilleir gu bheil iad am beachd dà shoitheach bhon dàrna pàirt de Phrògram Ùrachaidh nan Aiseagan Beaga a thoirt gu dìreach do Ghàrradh MhicFhearghais" agus gu bheil sin a rèir "sgrùdadh gus dearbhadh cho comasach 's a tha sin"."