Poilis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh dà thubaist mhairbhteach air an A9

- Air fhoillseachadh
Tha na poilis a' sireadh taic a' phobaill an dèidh mar a chaill dithis am beatha ann an dà thubaist-rathaid air an A9 ann an Siorrachd Rois.
Beagan an dèidh 8:00m Dihaoine chaidh fios a chur air na poilis agus tubaist air a bhith aig ceann-rathaid a' Chùil Bhàicidh faisg air drochaid Chromba anns an robh Dacia Sandero gorm, làraidh Iveco gheal, Volkswagen Scirocco gorm agus BMW dearg.
Bhàsaich dràibhear an Dacia aig làrach na tubaiste.
Chaidh dithis fhireannach eile a thoirt dhan ospadal.
Bha an rathad dùinte grunn uairean de thìde fhad 's a rinn na poilis rannsachadh, a' fosgladh a-rithist mu 9:20f.
Tàrlagaidh
Feasgar Disathairne, mu 5:15f, chaidh fios a chur air na seirbheisean-èiginn gu tubaist air an A9 aig Tàrlagaidh, faisg air Baile Dhubhthaich, anns an robh Peugeot geal agus bhana Renault Master Luton geal.
Bhàsaich fireannach, 86, a bha a' dràibheadh a' Pheugeot, aig làrach na tubaiste.
Chaidh fios a chur air a theaghlach.
Chaidh fireannach aois 41 a thoirt dhan ospadal, ach chan eil ann an cunnart a bheatha.
Bha an rathad dùinte airson grunn uairean de thìde fhad 's a rinn na poilis rannsachadh. Dh'fhosgail e a-rithist mu 03:25m Didòmhnaich.
Tha na poilis ag iarraidh gun tig duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na tubaistean thuca.
Thuirt an Sgt Chris Donaldson gun robh smuaintean nam poileas le teaghlaichean is caraidean an dithis a bhàsaich, agus dh'iarr e air duine sam bith le fiosrachadh no dealbhan dashcam, fios a chur thuca., taobh a-muigh
Faodar sin a dhèanamh co-cheangailte ris an tubaist aig a' Chùil Bhàcaidh air an àireimh-fòna 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 0528 den 9mh là den Dàimhair 2026.
Faodar fios a chur air na Poilis mun tubaist a bh' ann aig Tàrlagaidh air an àireimh fòna 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 2277 de Dhisathairne an 10mh là den Dàmhair 2026.