Rabhadh mu mheirg agus aoidion aig ionad niùclasach

Tha obair a' leantainn airson Dùnrath a dhì-choimiseanadh agus a thoirt às a chèile
- Air fhoillseachadh
Tha buidheann faire air draghan sàbhailteachd a nochdadh mun staid sa bheil cuid de phàirtean ionad niùclasach Dhùnrath.
Fhuair an Oifis airson Riaghladh Niùclasach (ONR) stàilinn a bh' air meirgeadh ann an togalach far a bheilear a' stòradh dhrumaichean de shodium rèidio-beò, agus slocan sa bheil sgudal rèidio-beò a bha ag aoidion.
Thuirt NRS, a' chompanaidh a tha a' ruith Dhùnrath, gun robh iad a' dèanamh obair càraidh èiginneach agus gun robh plana aca airson dèiligeadh ri trioblaidean eile.
Nam measg bha an rabhadh a thug an ONR mu uidheamachd dealain aosta agus briste agus na tha de stuth ceimigeach air an càrnadh ann agus tuilleadh agus a chòir dheth ann.
Chaidh Dùnrtha fhosgladh air costa a tuath Ghallaibh bho chionn faisg air 70 bliadhna agus b' e priòmh làrach na Rìoghachd Aonaichte airson rannsachadh agus leasachadh niùclasach suas gu 1994.
'S e a-nis am pròiseact glanaidh agus dì-choimiseanadh niùclasach as motha an Alba, a rèir ONR.
Tha na ceudean de dhaoine an sàs san obair sin.