Cumaidh draibhear tagsaidh a dh' èignich deugaire air Ghàidhealtachd a chead tagsaidh a dhraibheadh

- Air fhoillseachadh
Tha draibhear tagsaidh, a dh'èignich deugaire a bha a' siubhal sa chàr aige, air a chead airson a bhith a' draibheadh thagsaidh a chumail ged a tha e sa phrìosan.
Chaidh binn prìosain 6 bliadhna agus 9 mìosan a chur air Daibhidh MacGilleDhuinn, 50, sa Chèitean an dèidh dha ionnsaigh a thoirt air nighean, 18, san Dùbhlachd 2023.
'S ann à Crothaidh, faisg air Inbhir Nis, a tha MacGilleDhuinn.
An t-seachdain a chaidh, bhòt comataidh cheadachais Chomhairle na Gàidhealtachd gu prìobhaideach, leigeil leis an cead a th' aige airson tagsaidh a dhraibheadh a chumail.
Sin a dh'aindeoin 's nach robh Poileas Alba airson seo.
Tha am BBC a' tuigsinn gun do nochd ball do theaghlach MhicGilleDhuinn air beulaibh na comtaidh le iarrtas nach dèidheadh cead a thoirt bhuaithe.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid beachdachadh air co-dhùnadh na comataidh aig làn choinneamh dhen chomhairle.