Gael Force a' dùnadh nan dorsan an Steòrnabhagh

- Air fhoillseachadh
Dhearbh a' chompanaidh Gael Force gu bheil iad a' dol a sguir a dhèanamh chliabh ann an Steòrnabhagh an dèidh 43 bliadhna.
Thuirt iad gu bheil seasmhachd na h-obrach ann an Leòdhas air a bhith cugallach fad ùine mhòir leis gu bheil iarrtas air tuiteam. Thuirt iad gun robh iad airson taic a chumail ri Steòrnabhagh cho fada 's a b' urrainn dhaibh seach gur ann an sin a thòisich iad, ach b' fheudar dhaibh an fhactaraidh a dhùnadh.
Thuirt iad gun do ràinig iad an co-dhùnadh le luchd-obrach na factaraidh fhèin - agus gu bheil cuid dhuibh sin air a bhith còmhla riutha fad 30 bliadhna.
Gu dearbha, tha am manaidsear Ewen France air a bhith còmhla riutha bhon toiseach - 43 bliadhna.
Leanaidh Mgr France anns an obair gus an leig e seachad a dhreuchd nas fhaide air adhart am-bliadhna.
Thòisich Stewart Greumach Island Fabrications ann an 1983 nuair a bha e dìreach 18 bliadhna dh'aois.
Tha an gnothachas a thòisich a' dèanamh chliabh a-nis aithnichte mar Gael Force Group gu h-eadar-nàiseanta.

Luchd-obrach Island Fabrications ann an Steòrnabhagh
Bha ìrean cion obrach air leth àrd aig an àm anns na h-eileanan agus tha Mgr Greumach ag ràdh gun robh e faicinn cothrom.
"Bha mise airson rudeigin a dhèanamh dhuinn fhèin agus dhomh fhèin - rudeigin a thogail. Leudaich sinn beag air bheag bho chlèibh gu bhith a' reic uidheamachd eile agus dh'fhosgail sin roinnean mara eile dhuinn," thuirt Mgr Greumach.
Ach a rèir Mhgr Ghreumaich tha an t-iarrtas airson chliabh air crìonadh gu mòr leis nach eil daoine òga ùra a' tighinn air adhart dhan roinn. Thuirt e gu bheil seo a' tachairt air feadh na dùthcha, ann an Èirinn agus gu h-eadar-nàiseanta cuideachd.
Ged a chunnaic e seo ag amannan thar nam bliadhnaichean, bha e a' faireachdainn nach robh cùisean a' dol am feabhas an turas seo.
Tha Gael Force a' dèanamh uidheamachd mara do ghnìomhachas an iasgaich a thuilleadh air a bhith a' dèanamh chliabh a tha iad fhèin a' dealbh.
Tha iad cuideachd a' reic stuth iasgaich den a h-uile seòrsa.

Stewart Greumach òg a thòisich Island Fabrications
An-diugh, chan eil ach trì no ceithir chompanaidhean air an t-saoghal aig a bheil an comas tuathanas-èisg turnkey a thogail bho thoiseach gu deireadh agus 's e Gael Force Group aon dhuibh.
Tha Gael Force ag ràdh gun lean iad orra a' cruthachadh chliabh dhan luchd-ceannaich aca air feadh an àite - eadar an Rìoghachd Aonaichte agus Poblachd na h-Èireann.
Thuirt a' chompanaidh gu bheil dùil aca fàs agus leasachadh a thoirt air na seirbheisean aca a' dol air adhart agus tha iad a' toirt taing dha na freumhan eileanach aca airson sin, a thuilleadh air an luchd-cleachdaidh no ceannaich aca.
Ann am brath, dh'innis iad gu bheil na leabhraichean òrdain aca fosgailte agus gu bheil cùisean trang. Tha iad ag ràdh gu bheil a' bhuidheann san fharsaingeachd a' dol bho neart gu neart.

Fosgladh oifigeil factaraidh ùr Island Fabrications ann an 1987
Thuirt Mgr Greumach gun robh iad airson innse dhaibhsan a bhios a' ceannach bhuapa gun lean an obair aca agus gum bi iad fhathast mar aon de na prìomh chompanaidhean a bhios a' reic uidheamachd iasgaich.
Thug iad taing dhan luchd-obrach aca a tha ag obair cruaidh, thuirt iad agus gu h-àraidh dhaibhsan a th' air a bhith còmhla riutha fad 30 bliadhna agus do mhuinntir nan eilean a th' air taic a shealltainn dhaibh thar nam bliadhnaichean.
Tha Mgr Greumach ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid den luchd-obrach ann an Steòrnabhagh air obraichean ùra fhaighinn mar thà, no tha iad an ìre mhath cinnteach gum faigh iad obair eile.
"Bha mi a' coimhead air ais agus bha mi làn moit a thaobh na choilion sinn ach bròn cuideachd a thaobh a' cho-dhùnaidh. Bha mi toilichte ge-tà, mu na rinn sinn agus na thòisich an sin - gnothachas tòrr nas motha," thuirt Mgr Greumach.